Lewis Laing, Oifigear Leasachaidh Theaghlaichean , Inbhir Nis

“Tha e a’ toirt tlachd mòr dhomh gu h-àraidh a bhith a’ faicinn an adhartais a bhios na pàrantan agus seann-phàrantan a’ dèanamh le an cuid Gàidhlig, biodh sin aig na clasaichean no aig na cothroman cabadaich.”

1. Carson a thagh thu dreuchd ann an Gàidhlig nan tràth-bhliadhnaichean?

Ged a tha an obair anns a bheil mi an sàs a-nis car eadar-dhealaichte bho na dreuchdan thràth-bhliadhnaichean a bh’ agam roimhid, b’ e an aon rud bho riamh a bha gam thàladh dhan roinn a tha seo; tha gach latha eadar-dhealaichte!

2. An robh thu ag obair ann an seirbheisean sòisealta a-riamh?

Cha robh, bha mi ag obair ann am bùithean ron a seo, rinn mi beagan oideachaidh cuideachd agus bho chionn corra bhliadhna fhuair mi an cothrom bliadhna thrèanaidh a dhèanamh aig Stòrlann Nàiseanta.

3. An innis thu dhuinn barrachd mun obair agad? 

Am pròiseact anns a bheil mi as motha an sàs an-dràsta, ’s e a bhith a’ toirt seachad chothroman ionnsachaidh air-loidhne dhaibhsan a tha ag ionnsachadh a’ chànain aig a’ cheart àm ris a’ chloinn aca no ris na h-oghaichean aca. Bidh mi cuideachd a’ coimhead ri mar as urrainn dhuinn taic nas fheàrr a chumail ri pàrantan a tha a’ togail na cloinne aca le Gàidhlig a-staigh, le bhith a’ cruthachadh àiteachan agus chothroman air-loidhne far an gabh còmhraidhean onarach, fosgailte a dhèanamh air na dùbhlain a bhios romhpa uaireann; mar eisimpleir, an strì an aghaidh na Beurla no dìth misneachd leis na comasan-cànain aca fhèin msaa.

4. Dè a tha gad mhisneachadh san obair agad?

Gum boin mi do choimhearsnachd mhòr thaiceil – ma bhios duilgheadas no ceist agam, tha fhios agam gum bi cuideigineach muigh an sin as urrainn cuideachadh agus stiùireadh a thoirt dhomh.

5. Dè as motha tha a’ còrdadh riut mun obair agad?

Fear de na rudan as motha a tha a’ còrdadh rium mun obair ’s e an saorsa agus an t-sùbailteachd a bheirear dhomh son dòighean ùra fheuchainn air na seirbheisean-taice againn a lìbhrigeadh.

‘S urrainn dha a bhith na dhùbhlan mhòr a bhith a’ feuchainn ri cànan ùr ionnsachadh agus thu nad inbheach. Mar as trice, chan e dìth comas a tha gar bacadh ach dìth misneachd. Anns an dreachd agamsa, bidh mi a’ feuchainn ri sealltainn do phàrantan gun urrainn dhaibhsan Gàidhlig ionnsachadh gu soirbheachail còmhla ris an cuid chloinne agus gun urrainn dhaibh a h-ionnsachadh gu fileantachd cuideachd, mas e sin an t-amas aca.

6. Ciamar a chumas tu taic ris a’ chloinn le togail na Gàidhlig?

Tòisichidh clann air an t-uabhas rudan ionnsachadh fada, fada mus tèid iad faisg air seòmar-teagaisg sam bith – gu dearbh, ’s ann am broinn na dachaigh fhèin a thòisicheas am foghlam aca. Ma tha sinn airson ’s gum bi ar Gàidheil òga cho misneachail ’s cho comasach ’s a ghabhas anns a’ chànan – chun na h-ìre ’s gum bi iad air chomas a thoirt don chloinn aca fhèin-   tha e deatamach gun toir sinn an cothrom do phàrantan is do theaghlaichean anns an fharsaingeachd a bhith ag ionnsachadh a’ chànain, air neo a’ leasachadh nan sgilean cànain aca, gus a’ Ghàidhlig a dhèanamh na pàirt àbhaisteach nam beatha làitheil.  Dhomhsa dheth ’s e seo tè dhe na dòighean as èifeachdaiche a thèid againne, mar phroifeiseantaich, air cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh san dachaigh.

7. Dè an dòigh ’s a bheil d’ obair luachmhor dhut?

Tha e a’ toirt tlachd mòr dhomh gu h-àraidh a bhith a’ faicinn an adhartais a bhios na pàrantan agus seann-phàrantan a’ dèanamh le an cuid Gàidhlig, biodh sin aig na clasaichean no aig na cothroman cabadaich.

8. Dè na sgilean is buadhan a dh’fheumar airson an obair agad a dhèanamh?

Chan e a-mhàin gum feum thu a bhith cofhurtail am measg dhaoine de dhiofar aoisean, ach feumaidh tu cuideachd a bhith math air am brosnachadh gu bhith a’ cumail orra ag ionnsachadh na Gàidhlig agus a’ cleachdadh a’ chànain is gun eagal orra a bhith a’ dèanamh mhearachdan.

9. An d’ fhuair thu cothroman ùra air sgàth na h-obrach seo?

Tha mi ’n dòchas gum bi mi fhathast anns an dearbh dhreuchd a tha seo an ceann còig bliadhna, oir tha mi gu mòr ag iarraidh na seirbheisean-taice a tha sinn a’ tabhann an-dràsta a leasachadh agus leudachadh.

10. Dè a theireadh tu ri neach a tha beachdachadh air obair ann an roinn nan tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig?

Mas toigh leat a bhith ag obair le clann òga is pàrantan agus ma tha thu airson a’ Ghàidhlig agad a chleachdadh a h-uile latha, mholainn dhut gu mòr beachdachadh air obair san roinn seo.

 

Leugh na rannsachaidhean cùise #DèanDiofar Tràth-bhliadhnaichean eile an seo.

Debbie Lamont, Neach-obrach Tràth-bhliadhnaichean, Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear

“Tha e mìorbhaileach. ’S e àrainneachd shunndach, càirdeil is spòrsail a th’ ann far am bi clann ri gàire, ionnsachadh is cluiche (bithidh agus mise!) agus far am bi mi a’ brosnachadh na Gàidhlig measg na cloinne, gam bogadh sa chànan”

1. Carson a thagh thu dreuchd ann an Gàidhlig nan tràth-bhliadhnaichean?

Tha e a’ còrdadh rium nuair a chì mi a’ chlann a’ fàs agus nuair as aithne dhomh gun robh pàirt bheag bhìodach agam fhìn ann am mar a thàinig a’ chlann air adhart agus mar a thàinig piseach orra.

2. An robh thu ag obair ann an seirbheisean sòisealta a-riamh?

’S e cùram-cloinne aon de na ciad obraichean a bh’ agam an dèidh na sgoile. An uair sin, dh’atharraich mi gu obair ann an oifis agus thill mi gu obair le clann is daoine òga nuair a chaidh mo phàigheadh dheth an 2016.

3. An innis thu dhuinn barrachd mun obair agad?

Tha mi ag obair còmhla ri tidsear sgoil-àraich, dithis neach-obrach tràth-bhliadhnaichean agus neach-taice tràth-bhliadhnaichean. Bidh mi a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig le bhith a’ bogadh na cloinne sa chànan agus a’ dèanamh mac-samhail dhith dhaibh ’s ag ath-aithris Gàidhlig gun sgur! Tha i luachmhor mar phàirt de bheatha as urrainn cur ri togail na cloinne gus an tig iad gu ìre mar dhaoine a bu mhiann leotha. Tha an ùine aca còmhla rinn gan ullachadh airson a dhol tro fhoghlam Gàidhlig. Bidh mi a’ cur fhaclan dhachaigh cuideachd le stiùireadh fuaimneachaidh gus an leugh na pàrantan iad mar thaic dha ionnsachadh an cuid cloinne. ’S fìor thoigh leam cho sunndach ’s a tha m’ àite-obrach agus tuigidh mi cho fortanach ’s a tha mi a bhith ag obair san sgoil-àraich seo.

4. Dè a tha gad mhisneachadh san obair agad?

’S fìor thoigh leam a bhith ag obair leis an aois cloinne seo agus tha a h-uile latha eadar-dhealaichte. Bidh mi a’ smaoineachadh daonnan air leas na cloinne agus ag obair gu cruaidh gus dàimhean earbsach a thogail leis na pàistean ’s an teaghlaichean. Tha dleastanas orm airson compàirteachas le pàrantan a bhrosnachadh far a bheil mi a’ lorg dhòighean airson ’s gun gabh pàrantan is luchd-cùraim suim anns na tha am pàiste ag ionnsachadh. Feumaidh tu tlachd a ghabhail à obair le clann – aithneachadh gu bheil còraichean aca agus gur e an deagh-chor an rud as cudromaiche.

5. Dè as motha tha a’ còrdadh riut mun obair agad?

Gheibh mi cothrom a bhith ri cleasachd, dannsadh, seinn agus gàire gach latha. Tha e mìorbhaileach. ’S e àrainneachd shunndach, càirdeil is spòrsail a th’ ann far am bi clann ri gàire, ionnsachadh is cluiche (bithidh agus mise!) agus far am bi mi a’ brosnachadh na Gàidhlig measg na cloinne, gam bogadh sa chànan.

6. Ciamar a chumas tu taic ris a’ chloinn le togail na Gàidhlig?

Bidh mi a’ brosnachadh na Gàidhlig le bhith a’ bogadh clann sa chànan agus a’ dèanamh mac-samhail dhith ’s ag ath-aithris Gàidhlig gun sgur! Bidh an sgoil-àraich againn a’ dol an sàs ann an iomairtean Gàidhlig sam bith eile leithid Leugh is Seinn/Gaelic book bug. Bruidhnidh sinn Gàidhlig gach latha; nar gnàth-ghnìomhan, nar leasanan, gus a neartachadh measg na cloinne agus gus eòlas a thoirt do theaghlaichean oirre.

7. Dè an dòigh ’s a bheil d’ obair luachmhor dhut?

Gheibh mi cothrom a bhith ri cleasachd, dannsadh, seinn agus gàire gach latha. Bidh mi a’ cluich leis a’ chloinn no a’ coimhead orra ri cluiche agus nì mi leasanan stèidhichte air na rudan ’s a bheil ùidh aca agus air a’ chlàr-teagaisg is na cuspairean againn. Bidh mi a’ glanadh ’s a’ dèiligeadh ri tubaistean no tuiteamasan agus a’ lìonadh sgrìobhainnean agus a’ bruidhinn ri teaghlaichean.

8. Dè na sgilean is buadhan a dh’fheumar airson an obair agad a dhèanamh?

Feumaidh tu tlachd a ghabhail à obair le clann – aithneachadh gu bheil còraichean aca agus gur e an deagh-chor an rud as cudromaiche.

9. An d’ fhuair thu cothroman ùra air sgàth na h-obrach seo?

Chaidh gabhail rium o chionn ghoirid airson Dioplòma Luchd-ceuma ann an Eòlas Leanabachd a tha gu bhith a’ tòiseachadh a dh’aithghearr. Bu toigh leam eòlas fhaighinn air obair stiùiridh ann an corra bhliadhna. Chuir mi crìoch air cùrsa Fàs le BnG, rud a tha air m’ eòlas Gàidhlig a neartachadh.

10. Dè a theireadh tu ri neach a tha a’ beachdachadh air obair ann an roinn nan tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig?

Trobhad agus obraich còmhla rinn gu saor-thoileach corra uair a thìde san t-seachdain no aig sgoil-àraich Ghàidhlig eile. Le seo, togaidh tu beagan dhen chànan agus ro-innleachdan. An robh fios agad gu bheil SSSC a’ gabhail ri teisteanasan a fhreagras na feuman aig buidhnean riaghlaidh eile leithid proifeiseantaich cùram-slàinte is nursaichean? Bheir seo comas dhut air clàradh mar neach-obrach nan tràth-bhliadhnaichean. Tha an ceum agamsa ann am foghlam coimhearsnachd air a ghabhail ris mar theisteanas dligheach. ’S iomadh ionad a tha a’ tabhann trèanadh san àite-obrach airson tuarastal agus teisteanas a chosnadh aig an aon àm.

 

Leugh na rannsachaidhean cùise #DèanDiofarTràth-bhliadhnaichean eile an seo.

Ceana Mhoireasdan, Neach-obrach Tràth-bhliadhnaichean, Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear

Tha mi fortanach gu bheil mi ag obair ann an sgoil-àraich bheag, mar sin, tha pailteas ùine agam còmhla ris gach pàiste agus tha mi a’ cur eòlas orra uile, a’ togail dàimh dhlùth leotha. Bheir iad gàire orm gach latha leis an t-seanchas a bhios aca.” 

1. Carson a thagh thu dreuchd ann an Gàidhlig nan tràth-bhliadhnaichean?

Chaidh mi tro fhoghlam Gàidhlig agus chòrd i rium ga togail, mar sin, bha mi airson càch a chuideachadh gus a h-ionnsachadh agus tlachd a ghabhail aiste mar a ghabh mise.

2. An robh thu ag obair ann an seirbheisean sòisealta a-riamh?

Cha robh. Nuair a dh’fhàg mi an sgoil thug mi a-mach preantasachd ann an oifis sa bhad agus bha mi dà bhliadhna ag obair an sin mus deach mi dhan cholaiste airson nan Tràth-bhliadhnaichean.  

3. An innis thu dhuinn barrachd mun obair agad?  

Sgoil-àraich le làn bhogadh sa Ghàidhlig. Measgachadh eadar cluich shaor agus gnìomhan air an stiùireadh le inbhich gus cainnt Ghàidhlig nas mionaidiche a thoirt dhaibh. Àrainneachd shona, altramach far a bheil a’ chlann a’ gabhail an ceann an cuid ionnsachaidh fhèin gu mòr.  Cuiridh a’ chlann romhpa fhèin dè na cuspairean a tha iad ag iarraidh agus bheir sinn teirm ag ionnsachadh ma dheidhinn. 

4. Dè a tha gad mhisneachadh san obair agad? 

A’ cluinntinn aig pàrantan gun robh a’ chlann aca a’ bruidhinn Gàidhlig aig an taigh, gu h-àraidh mura h-eil ach beagan Gàidhlig aca no  mura h-eil Gàidhlig idir san dachaigh, agus gu bheil othail orra tighinn a-steach do Sgoil-Àraich a’ sealltainn gu bheil an cuid ionnsachaidh a’ còrdadh riutha. 

5. Dè as motha tha a’ còrdadh riut mun obair agad? 

A’ còmhradh ris a’ chloinn agus a’ togail dhàimhean leotha ’s le an teaghlaichean. Tha mi fortanach gu bheil mi ag obair ann an sgoil-àraich bheag, mar sin, tha pailteas ùine agam còmhla ris gach pàiste agus tha mi a’ cur eòlas orra uile, a’ togail dàimh dhlùth leotha. Bheir iad gàire orm gach latha leis an t-seanchas a bhios aca.   

A’ faicinn mar a thig misneachd is cainnt na cloinne air adhart agus ag èisteachd riutha a’ bruidhinn Gàidhlig ri càch a chèile nuair a bhios iad ri cluich shaor agus aig amannan greim-bìdh is diathaid. 

6. Ciamar a chumas tu taic ris a’ chloinn le togail na Gàidhlig? 

Òrain is gnìomhan, geamannan cearcallach. Facal Focus – ag amas air facal / faclan fad 2 sheachdain anns an ionnsachadh is gnìomhan aca. Gus taic a chumail ris a’ chloinn, cumaidh sinn taic gu gnìomhach ris na pàrantan. Thèid faclan làitheil is gnàth-ghnìomhach a chur dhachaigh gu pàrantan air chor ’s gun urrainn dhaibh an cleachdadh agus toirt air a’ chloinn an cleachdadh san dachaigh. Pasgain Ghàidhlig Bookbug gan cur dhachaigh.  

7. Dè an dòigh ’s a bheil d’ obair luachmhor dhut? 

A’ faighinn bheachdan matha bho na pàrantan. A’ cluinntinn aca agus a’ faicinn sa mhadainn gu bheil a’ chlann airson tighinn ’s gu bheil othail orra tighinn gu Sgoil-Àraich ’s gu bheil iad airson fuireach nas fhaide nuair as e àm dol dhachaigh a th’ ann. Ag èisteachd ris a’ chloinn a’ bruidhinn Gàidhlig nan cluiche is nan còmhraidhean fhèin gun bhrosnachadh bho na h-inbhich. Nuair a chleachdas iad faclan is abairtean a thog iad bho bhith ag èisteachd ri inbhich a’ bruidhinn ri chèile sa Ghàidhlig

8. Dè na sgilean is buadhan a dh’fheumar airson an obair agad a dhèanamh? 

Feumaidh e còrdadh riut a bhith ag obair le cloinn agus feumaidh tu bhith glè fhoighidneach. Sùbailte, socair oir cha tèid cùisean daonnan mar a bhathar an dùil san sgoil-àraich agus feumaidh tu bhith comasach air atharrachadh a-rèir nan iarrtasan no feuman aca. Coma a bhith ann an òineadh agus ri spòrs agus gun a bhith ro mheasail ort fhèin. 

9. An d’ fhuair thu cothroman ùra air sgàth na h-obrach seo? 

Ghabh mi pàirt ann am Prògram Fàs maoinichte le Bòrd na Gàidhlig gus Gàidhlig a leasachadh do Phrataigichean nan Tràth-bhliadhnaichean. Fhuair mi cothrom seachdain a chur seachad ann an Èirisgeigh agus Uibhist a Deas gus mo bhogadh fhèin gu h-iomlan anns a’ chultar agus a’ Ghàidhlig fhiosrachadh ann an coimhearsnachdan an àite. Fhuair sinn clasaichean Gàidhlig agus làithean riaghailteach aig colaiste far an do chuir sinn an latha air fad seachad a’ gabhail an-sàs ann an leasanan cànain agus òrain/gnìomhan/toirt bheachdan airson tilleadh agus an cur gu feum nar sgoiltean-àraich fhèin. ’S e prògram brosnachail a bh’ ann agus chuirinn ìmpidh air duine sam bith pàirt a ghabhail ann ma gheibh iad cothrom. Tha dleastanas orm cuideachd mar “Ghalghad” Matamaigs san sgoil-àraich, a’ brosnachadh is ag adhartachadh matamataigs is àireamhachd. 

10. Dè a theireadh tu ri neach a tha beachdachadh air obair ann an roinn nan tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig? 

Na biodh air do chur dheth air tàilleabh nach saoil thu gu bheil do chuid Gàidhlig math gu leòr no nach do bhruidhinn thu i o chionn greis. Cha robh mi ann am foghlam Gàidhlig airson faisg air 10 bliadhna, agus bha dragh mòr orm gun robh mo Ghàidhlig ro shìmplidh ’s nach robh i math gu leòr. Ach ’s ann a fhuair mi brosnachadh is taic ann am pailteas airson mo chuid sgilean cànain a ghleusadh agus ’s urrainn dhomh làn-taic a chumail ri ionnsachadh na cloinne a-nis.       

 

Leugh na rannsachaidhean cùise #DèanDiofarTràth-bhliadhnaichean eile an seo.

Sorcha Wheelan, Oifigear Leasachadh nan Tràth-bhliadhnaichean, Dùn Èideann

“Tha a’ chlann mar spongan, a’ sùghadh a-steach na chluinneas iad gun fèin-mhothachadh no dragh mu mhearachdan. Cluinnidh iad fuaimean ùra gach latha, na tha diofraichte mun Ghàidhlig an taca ris an àbhaist. Bidh e daonnan a’ cur iongnadh orm mar a ghabhas iad ris a’ chànan agus ri cothroman cluiche timcheall orra.”

1. Carson a thagh thu dreuchd ann an Gàidhlig nan tràth-bhliadhnaichean?

Thòisich mo dhreuchd sna tràth-bhliadhnaichean nuair a rugadh mo chlann fhìn dhomh. Roimhe, cha robh smaoin seach smaoin agam air. ’S fìor thoigh leam an obair agam, le clann agus le an teaghlaichean agus thug mi an aire gu bheil uiread de chothroman a-muigh an-sin gus mo bheatha-obrach adhartachadh.

2. An robh thu ag obair ann an seirbheisean sòisealta a-riamh?

An toiseach, bha uallach orm airson Cròileagain Ghàidhlig a stiùireadh ann an Dùn Èideann; an dèidh sin, ghluais mi chun sgoil-àraich. Thuig mi mun àm seo gun robh mi ag iarraidh obair sna Tràth-bhliadhnaichean, mar sin, rinn mi SVQ mus deach mi nam Phrìomh-Phrataigiche Tràth-bhliadhnaichean airson an t-suidheachaidh. An dèidh mu bhliadhna thàinig cothrom am bàrr cur a-steach airson a bhith nam oifigear Leasachadh nan Tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig aig Comhairle Dhùn Èideann.

3. An innis thu dhuinn barrachd mun obair agad?  

Tha mi ag obair fo Sgioba Leasachadh Mathais airson Comhairle Dhùn Èideann an-dràsta.  Obraichidh mi gu dlùth còmhla ris gach Suidheachadh Tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig ann an Dùn Èideann, agus le teaghlaichean agus sa choimhearsnachd.

Leis gur e dreuchd ùr a th’ ann, chunnaic mi gu robh cothrom mòr ann diofar a dhèanamh. O bhith a’ cumail taic ri suidheachaidhean is luchd-obrach gus an eòlas/trèanadh adhartachadh gu bhith cumail taic ri teaghlaichean le Gàidhlig san dachaigh, dh’fhaodadh buaidh mhòr a bhith ann. Bidh obair compàirteachais is toirt shuidheachaidhean/theaghlaichean cruinn còmhla nam buannachd don a h-uile pàiste ann am foghlam Gàidhlig.

4. Dè a tha gad mhisneachadh san obair agad? 

Tha a’ chlann nan culaidh-misneachaidh dhomh nam obair làitheil. Tha iad cho furasta bruidhinn riutha is tha ionnsachadh cho furasta dhaibh aig an aois seo. Bidh e daonnan a’ cur iongnadh orm mar a ghabhas iad ris a’ chànan agus ris na cothroman cluiche timcheall orra. Tha e misneachail cuideachd gu bheil cothrom agam air atharrachadh agus diofar a dhèanamh às leth nan teaghlaichean leis a bheil mi ag obair, agus bidh mi a’ cur feum air mòran de na beachdan acasan.

5. Dè as motha tha a’ còrdadh riut mun obair agad? 

’S fìor thoigh leam tìde a chur seachad còmhla ri clann is luchd-obrach. Chan eil dad nas luachmhoire dhomh na bhith a’ cumail taic ri beachdan is iarrtasan na cloinne agus gam faicinn a’ soirbheachadh, mar bhuidhnean agus mar dhaoine fa leth.

6. Ciamar a chumas tu taic ris a’ chloinn le togail na Gàidhlig? 

Ag ath-aithris, atharrais, atharrais. Tha e glè chudromach a bhith soilleir agus ath-aithriseach nuair a bhruidhnear ri luchd-ionnsachaidh a tha cho òg. Gun luaidh air òrain a chleachdadh. Lem fhiosrachadh, mar as trice ’s ann le òrain a thogas a’ mhòr-chuid de chloinn (agus pàrantan/luchd-cùraim) cànain sna h-ìrean tràtha. ’S tric a chosgas na pàrantan barrachd ùine a’ feuchainn ris an cànan a chleachdadh, mar sin, tha e deatamach gu bheil cothroman gu leòr aca èisteachd ri Gàidhlig ann an dòigh shocair, neo-fhoirmeil.

7. Dè an dòigh ’s a bheil d’ obair luachmhor dhut? 

Tha e daonnan laghach èisteachd ris a’ chloinn nuair a thòisicheas iad air an cànan a bhruidhinn, agus aithnichear seo leis an luchd-obrach timcheall orm cuideachd. Tha e luachmhor dhomh is fios agam gun robh mi nam chùl-taice do phàrantan a thòisich air an slighe a-steach don sgoil-àraich agus gun do chuidich mi iad tuigse fhaighinn air na slighean sin. Cuideachd, a’ cur taic ri leasachadh nan suidheachaidhean gus an coilean iad na h-ìrean de mhathas cùraim a bu mhiann leotha.

8. Dè na sgilean is buadhan a dh’fheumar airson an obair agad a dhèanamh? 

Tha eòlas air leasachadh cloinne deatamach san dreuchd seo, agus togradh airson a bhith ag obair le cloinn agus an teaghlaichean. Tha foighidinn, dealas is aigne chruthachail cudromach cuideachd.

9. An d’ fhuair thu cothroman ùra air sgàth na h-obrach seo? 

Thàinig mi don obair seo a’ saoilsinn gum freagradh e ri mo bheatha aig an ìre sin. Seo mise 9 bliadhna às a dhèidh ann an dreuchd air a bheil gaol agam.

Leis gun do thòisich mi nam dhreuchd ùr mar oifigear Leasachadh nan Tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig o chionn goirid, cha tug mi cus smaoin air dè tha ri thighinn, ach cuiridh mi fàilte air cothrom sam bith mo chuid ionnsachaidh, is mo bheatha-obrach mar an ceudna, a thoirt air adhart. Tha cothrom nan cothrom ann an-dràsta agus àite gu leòr airson fàs. ’S e àm brosnachail a th’ ann a bhith ann am feachd-obrach a tha a’ sìor-leudachadh, agus diofar dha-rìribh a dhèanamh airson clann is teaghlaichean san sgìre agad.

10. Dè a theireadh tu ri neach a tha beachdachadh air obair ann an roinn nan tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig? 

Tha dreuchd sna Tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig glè luachmhor agus treòraichidh e thu gu àitean air nach do shaoil thu riamh roimhe. Chan ann dìreach mu chlann ann an suidheachadh sgoil-àraich a tha na Tràth-bhliadhnaichean. Tha iad a’ gabhail a-steach clann o am Breith gu toiseach am bliadhnaichean sgoile, agus uaireannan seachad air sin, nuair a bhios co-obrachadh eadar coimhearsnachd is teaghlach stèidhichte ann.

 

Leugh na rannsachaidhean-cùise #DèanDiofarTràth-bhliadhnaichean eile an seo.

Hannah Lawson, Neach-cùraim chloinne, Dùn Èideann

Tha e brosnachail a bhi a’ faicinn a’ chlann a’ gabhail spòrs, a’ fàs measail air a chèile agus a’ deanamh adhartas le diofar sgilean.

1. Carson a thagh thu dreuchd ann an Gàidhlig nan tràth-bhliadhnaichean?

B’ àbhaist dhomh a bhith ag obair ann an sgoil-àraich. Chòrd e gu mòr rium a bhi leis a’ chlann agus a bhith a’ deanamh rudan eadar-dhealaichte leotha gach latha mar bèicearachd, ealain, seinn agus mar sin air adhart. Chòrd e cuideachd rium gun robh cothrom agam a bhi a-muigh gach latha.  

2. An robh thu ag obair ann an seirbheisean sòisealta a-riamh?

Bha mi nam nannaidh agus tè-fhrithealaidh roimhe.Bha mi airson gum biodh Gàidhlig aig mo chlann-sa aig an taigh agus tha uidh aig grunn phàrantan ann an Dùn Èidinn anns a’ Gàidhlig agus mar sin thagh mi a bhi ag obair tro mheadhan na Gàidhlig.  

3. An innis thu dhuinn barrachd mun obair agad?

Bidh mi a’ coimhead às dèidh clann a tha fo aois sgoile nam thaigh fhèin. Bidh mi a’ deilgeadh ri cùisean làitheil mar a bhi a’ deiseachadh biadh dhaibh, agus cothroman cluiche agus ealain, gan toirt air chuairt gu na pàircean, seiseanan Cròileagan agus mar sin air adhart. 

4. Dè a tha gad mhisneachadh san obair agad?

Tha e brosnachail a bhi a’ faicinn a’ chlann a’ gabhail spòrs, a’ fàs measail air a chèile agus a’ deanamh adhartas le diofar sgilean. 

5. Dè as motha tha a’ còrdadh riut mun obair agad?

Tha mi an còmhnaidh air a bhith measail air clann òg. ‘S toil leam gu bheil mi le mo chlann fhìn fhad ‘s a tha mi ag obair. ‘S toil leam gu bheil sinn saor a bhi a’ taghadh na tha sinn airson deanamh gach latha. 

6. Ciamar a chumas tu taic ris a’ chloinn le togail na Gàidhlig?

‘S i Gàidhlig a-mhàinn a bhios mi a bruidhinn riutha. Bi sinn a leughadh leabhraichean agus a’ seinn òrain. Nuair nach eil iad cìnnteach tha mi a’ ciallachadh seallaidh mi dhaibh agus bheir mi na faclan dhaibh a-rithist. Ma tha uidh aig am pàrantan, cuidichidh mi iad le faclan agus abairtean a chleachdas iad aig an taigh.

7. Dè an dòigh ’s a bheil d’ obair luachmhor dhut?

Tha pàrantan comasach air a bhi ag obair fhad ‘s a tha am pàiste agam.Thèid sinn dhan sgoil-àraich, an uairsin mar as àbhaist a-mach gu pàirc no àite eile ionadail. Feasgar cluichidh iad a-staigh neo thèid sinn dhan ghàrradh. Sgioblaichidh sinn agus leughaidh sinn leabhraichean mus tìll na pàrantan. 

8. Dè na sgilean is buadhan a dh’fheumar airson an obair agad a dhèanamh?

Tha e feumail a bhi eòlach air leasachadh chloinne agus a bhi foighidneach agus comasach do phlanaichean atharrachadh a thaobh na tha a dhìth orra aig gach àm. 

9. An d’ fhuair thu cothroman ùra air sgàth na h-obrach seo?

B’ àbhaist dhomh a bhith ag obair ann an sgoil-àraich . Nuair a bha clann agam fhèin, shaoil mi gum biodh e nas ciallaiche dhomh a’ bhi dhachaigh leotha agus a bhi a’ cleachdadh na bha mi air ionnsachadh gus mo gnothach fhèin a stèidheachadh.

10. Dè a theireadh tu ri neach a tha a’ beachdachadh air obair ann an roinn nan tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig?

‘S e deagh chothrom a thann Gàidhlig a bhrosnachadh airson an ath ghinnealach. Tha iomadh seorsa dreuchd ri fhaighinn anns na tràth-bhliadhnaichean an dràsda agus tha cothroman ùr a-nochdadh. ‘S e dòigh a thann do chuid Ghàidhlig a chleachdadh gu làitheil agus a leudachadh.

 

Leugh na rannsachaidhean cùise #DèanDiofarTràth-bhliadhnaichean eile an seo.

Prìomh Film

Anns am bhideo seo, coinnichidh sibh ri còignear a tha ag obair ann an seirbhisean Tràth-ionnsachadh & Cùram-chloinne, bho Ùghdarrasan Ionadail eadar-dhealaichte air feadh na h-Alba. Bidh iad uile ag obair gu dìcheallach gus deagh bhuaidh a thoirt air leasachadh na Gàidhlig agus air beatha na cloinne, an teaghlaichean agus nan coimhearsnachdan anns a bheil iad ag obair.