Naidheachdan

LUCHD NA GÀIDHLIG A’ TIGHINN CÒMHLA GUS COLMCILLE 1500 A CHUMAIL

Tha Diluain 7 Dùbhlachd 2020 a’ comharrachadh toiseach Cholmcille 1500, cuimhneachan fad-bliadhna air 1500 bliadhna bho rugadh Naomh Calum Cille agus a dhìleab. Tòisichidh agus crìochnaichidh a’ bhliadhna air 7 Dùbhlachd, co-latha-breith traidiseanta an naoimh. Tha Colmcille 1500 a’ faighinn taic agus cuideachadh bhon phrògram com-pàirteachais ‘Colmcille’ air a ruith le Bòrd na Gàidhlig agus […]

04/12/2020

Barrachd >

Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh bhuill ùra

Tha Ministearan na h-Alba ag iarraidh triùir a tha sgileil is dealasach a chur an dreuchd mar bhuill air Bòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig (BnG), a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba airson a’ chànain. Tha BnG a’ lorg dhaoine aig a bheil na h-aon àrd-amasan ris a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig (PCNG) airson 2018-23 agus […]

20/11/2020

Barrachd >

Tha Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh air daoine òga cuideachadh le bhith a’ cruthachadh linn ùr dhan Ghàidhlig

Tha prìomh bhuidhnean ann an saoghal na Gàidhlig a’ brosnachadh dhaoine òga air feadh na dùthcha gus na guthan aca a thogail is Bòrd na Gàidhlig a’ cur chothroman air bhog gus èisteachd riutha. Bidh BnG a’ ruith shuirbhidhean air loidhne do dh’òigridh stèidhichte air na beachdan is molaidhean aca a thaobh cleachdadh na Gàidhlig […]

30/10/2020

Barrachd >