Naidheachdan

Goireas ùr do Bhuidhnean Thràth-bhliadhnaichean 0-3 ga chur air bhog le Bòrd na Gàidhlig

Thèid pasgan fiosrachaidh do bhuidhnean thràth-bhliadhnaichean 0-3 a chur air bhog air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig an-diugh. Tha Bòrd na Gàidhlig air am pasgan ullachadh airson stiùireadh agus fiosrachadh a thoirt do bhuidhnean thràth-bhliadhnaichean Gàidhlig airson an cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh is a’ ruith na buidhne aca. Tha fianais ann gu bheil na buidhnean […]

10/06/2020

Barrachd >

Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig a’ cur làrach-lìn Colmcille ùr air bhog

Tha Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig fìor thoilichte làrach-lìn ùr a chur air dòigh airson prògram Cholmcille, a tha a’ ceangal Èirinn is Alba. Thèid an làrach-lìn ùr a chur air bhog air 9 Ògmhios, Latha Fhèill Chaluim Chille. Air an làrach-lìn, chithear an suaicheantas ùr aig Colmcille, am prògram com-pàirteachais a tha […]

09/06/2020

Barrachd >

Bòrd na Gàidhlig a’ toirt freagairt air mapa-slighe na h-Alba

Thug Bòrd na Gàidhlig fiosrachadh cudromach do Riaghaltas na h-Alba an-diugh (Dihaoine 22 Cèitean) air na dh’fheumar dèanamh gus a’ Ghàidhlig a dhìon ann an suidheachadh COVID-19 agus mu na cothroman a bheir an cànan is cultar do dh’Alba agus an dùthaich a’ tighinn a-mach à glasadh-sìos. Tha na beachdan stèidhichte air còmhraidhean le buidhnean […]

22/05/2020

Barrachd >