Seisan Fiosrachaidh – FtG ann am Fìobha

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte cuireadh a thoirt do phàrantan agus luchd-cùraim gu coinneamh air-loidhne air Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Thig còmhla rinn gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus mar a thèid a stèidheachadh ann an Fìobha.

Bheir Jim Whannel, Stiùiriche Foghlam Gàidhlig, aig Bòrd na Gàidhlig, seachad taisbeanadh goirid mu na buannachdan an cois seo agus bidh cothrom ann ceistean a chur.

Bidh Comhairle Fìobha a’ brosnachadh an solar a dh’ fhaodadh a bhith ann de Fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig san sgìre agus bidh iad a’ co-aoigheachd na coinneimh còmhla ri riochdairean bho Chomann nam Pàrant, am buidheann nàiseanta a tha a’ toirt taic agus comhairle mu fhoghlam tro mheadhain na Gàidhlig do phàrantan.

Thèid a’ choinneamh a chumail air Teams, Diardaoin, 08 An Dùbhlachd aig 18.30.

Fios as ùire: Tha an t-àm airson clàradh airson na coinneimh seo air a dhol seachad.

 

Coimisean nam Pàircean Nàiseanta – Co-chomhairleachadh luchd-ùidhe

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air a’ chothrom freagairt a thoirt don cho-chomhairleachadh seo air Coimisean nam Pàircean Nàiseanta.

Anns an fhreagairt bha na puingean a leanas:

Leis an àireamh de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus turasachd a tha co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig a’ fàs, tha seo mar chothrom mìorbhaileach airson Pàirc Nàiseanta ùr agus airson nam Pàircean Nàiseanta a th’ ann mar-thà. Le bhith a’ tàladh dhaoine a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig no aig a bheil ùidh innte, bithear a’ cruthachadh barrachd iomadachd am measg pròifil an luchd-tadhail – agus a’ meudachadh na h-àireamh de luchd-tadhail, leis na buannachdan eaconamach a thig còmhla ri sin.

Bidh cleachdadh na Gàidhlig ann an suidheachaidhean leithid nam Pàircean Nàiseanta a’ cur ri sunnd dhaoine.

Bidh cànan agus cultar a’ cruthachadh fèin-mhiadh, a’ brosnachadh fèin-mhisneachd, a’ mìneachadh fèin-aithne agus a’ leasachadh maitheas na beatha. Bidh seo a’ meudachadh sunnd luchd-cleachdaidh, luchd- ionnsachaidh agus luchd-taice na Gàidhlig – aig a bheil moit mhòr às a’ Ghàidhlig agus a cultar. Tha a’ Ghàidhlig a’ cur ris, ann an dòigh dheimhinneach, na bhios na daoine seo a’ smaointinn agus a’ faireachdainn mu dheidhinn am beathannan.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.

Bùithtean-obrach: Ag Obair ann an Com-pàirteachas gu Soirbheachail

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ lìbhrigeadh bùithtean-obrach air feadh Alba airson taic a chumail ri buidhnean a bhios a lìbhrigeadh phròiseactan is tachartasan san àm ri teachd.

 

Susbaint na bùithtean-obrach:

• Cothrom coinneachadh is bruidhinn ri buidhnean/oifigearan eile sa sgìre

• Dòighean as fheàrr airson a bhith ag obair ann an com-pàirteachas

• Maoineachadh agus Luach airson airgead poblach

• Seasmhachd airson an àm ri teachd

 

Bidh na bùithtean-obrach seo air an lìbhrigeadh le Brian Ó hEadhra, Manaidsear Com-pàirteachasan is Maoineachaidh is oifigearan eile aig Bòrd na Gàidhlig.

Bidh a’ mhòr-chuid de na tachartasan seo air a libhrigeadh sa Ghàidhlig (le beagan Beurla ma bhios feum ann).

Ma tha ceistean sam bith agaibh mu na bùithtean-obrach seo nach cuir sibh fios gu brian@gaidhlig.scot

Fios as ùire: Tha an t-àm airson clàradh airson na coinneimh seo seachad.

Toraidhean bhon Ceisteachan air Cleachdadh na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte innse mu na toraidhean a fhuair sinn tro ‘Cheisteachan air Cleachdadh na Gàidhlig 2022’. Chaidh an ceisteachan seo fhosgladh aig 8f air Là na Sàbaid, 19 An t-Ògmhios agus mhair e 24 uair a thìde. San ùine ud, fhuair sinn 761 freagairt – àrdachadh air an 473 a fhuair iad an-uiridh nuair a chaidh an t-aon cheisteachan a ruith air an aon cheann-là. Tha sinn uamhasach taingeil do gach neach a ghabh an cothrom an ceisteachan cudromach seo a lìonadh.

Chaidh na h-aon cheistean fhaighneachd am-bliadhna gus am b’ urrainn dhuinn coimeas a dhèanamh eadar na toraidhean.

Am measg nan toraidhean, thuirt 69% de dhaoine a fhreagair gum bi iad a’ cleachdadh an cuid Gàidhlig gu làitheil.

Thuirt còrr is an darna leth (50.3%) gun robh iad a’ cleachdadh barrachd Gàidhlig am-bliadhna an coimeas ris a’ bhliadhna an-uiridh.

Chaidh iarraidh air daoine ceistean a fhreagairt mun uiread de Ghàidhlig a thathar a’ cleachdadh ann an diofar roinnean-beatha an taca ris a’ bhliadhna an-uiridh.

  • Thuirt a’ chuid as motha de dhaoine gun robh iad a’ cleachdadh a cheart uiread (48%) no nas motha (45%) de Ghàidhlig air-loidhne.
  • Thuirt a’ chuid as motha de dhaoine gun robh iad a’ cleachdadh a cheart uiread (63%) no nas motha (30%) de Ghàidhlig san dachaigh.
  • Thuirt a’ chuid as motha de dhaoine gun robh iad a’ cleachdadh a cheart uiread (64%) no nas motha (25%) de Ghàidhlig san sgoil/oilthigh/colaiste/nan cuid obrach.
  • Thuirt a’ chuid as motha de dhaoine gun robh iad a’ cleachdadh a cheart uiread (60%) no nas motha (29%) de Ghàidhlig sa choimhearsnachd.

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha seo na adhbhar thoileachas dhuinn an àrdachadh seo ann an cleachdadh na Gàidhlig fhaicinn sna diofar roinnean seo. Ged is e sealladh beag a tha seo an coimeas ris an coimhearsnachd Ghàidhlig air fad, tha e gu math cuideachail cothrom a bhith againn coimeas a dhèanamh eadar na freagairtean a tha sinn a’ faighinn gach bliadhna agus tha e cuideachd a’ cur ri amasan a’ Phlana Nàiseanta gus Gàidhlig àbhaisteachadh.”

Cumaibh sùil a-mach san Ògmhios nuair a thig cothrom gus an ceisteachan a lìonadh airson 2023.

#DèanDiofar Tràth-bhliadhnaichean

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte iomairt #DèanDiofar Tràth-bhliadhnaichean a chur air bhog. Tha seo a’ leantainn iomairt #DèanDiofar a chaidh fhoillseachadh an-uiridh gus daoine a bhrosnachadh a bhith a’ beachdachadh air dreuchd ann am foghlam Gàidhlig.

Tha #DèanDiofar Tràth-bhliadhnaichean ag amas air daoine a bhrosnachadh gu dreuchd anns na tràth-bhliadhnaichean. Chaidh an iomairt a leasachadh le taic bho luchd-cleachdaidh stèidhichte ann an iomadh ùghdarras ionadail air feadh na dùthcha.

’S e ceum luachmhor ann an slighe Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a th’ anns na tràth-bhliadhnaichean agus tha e na phrìomh amas sa Phlana Nàiseanta 2018-2023.

Leis gu bheil 1140 uair a thìde de Thràth-ionnsachadh agus Cùram-chloinne (TIC) ri fhaotainn do gach pàist’ aig aois 3 & 4, tha barrachd luchd-cleachdaidh a dhìth gus a bhith cinnteach gun tèid feumalachdan na roinne seo a fhrithealadh.

Thathar an dòchas, le bhith a’ sealltainn a’ phailteis de chothroman a thig le dreuchd anns na Tràth-bhliadhnaichean, gun tog sin aire dhaoine gus beachdachadh air mar dhreuchd dhaibh fhèin.

Thuirt Jim Whannel, Stiùiriche Foghlaim, Bòrd na Gàidhlig: “Tha solar Tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig ro-chudromach airson leasachadh na Gàidhlig. Tha a bhith fastadh luchd-cleachdaidh sgileil deatamach gus dèanamh cinnteach gu bheil luchd-obrach gu leòr ann airson taic a chumail ris an iarrtas bho phàrantan san roinn seo. Tha na goireasan ùra seo a’ toirt sealladh air dreuchd fharsaing, làn bhuannachdan a tha a’ feitheamh air neach sam bith a tha a’ beachdachadh air dreuchd ann an Tràth-ionnsachadh agus Cùram-chloinne.”

Thuirt Flora Guidi, Ceannard, Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh: “Is e dreuchd air leth cudromach a tha ann an obair nan tràth bhliadhnaichean ann an Gàidhlig agus tha sinn a’ cur luach air gach duine agaibh a thig a dh’obair còmhla rinn.”

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth taingeil don luchd-cleachdaidh air fad a ghabh pàirt san iomairt seo agus a thug seachad fiosrachadh buileach feumail mu na dreuchdan aca.

Barrachd fiosrachaidh:

#DèanDiofar Tràth-bhliadhnaichean

Coinneamh Choitcheann Bhliadhnail Buidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig

Bidh an ath choinneamh de Buidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig air Dimàirt 20 An t-Sultain aig 6:30f far an tèid Coinneamh Choitcheann Bhliadhnail na buidhne a chumail cuideachd.

Thèid an coinneamh a chumail aghaidh ri aghaidh, aig a’ Phàrlamaid,  agus air-loidhne, tro Zoom. Ma thathar airson an coinneamh aghaidh ri aghaidh a fhrithealadh, feumar clàradh ro meadhan-là air Dihaoine, 16mh an t-Sultain.

‘S e Bòrd na Gàidhlig (BnG) rùnaire Buidheann Thar-phàrtaidh na Gàidhlig. Bidh a’ bhuidheann a’ coinneachadh dà thuras sa bhliadhna, agus is e Alasdair Allan (BPA) Cathraiche na buidhne.

Clàr-gnothaich 20.09.2022.

Geàrr-chunntas na coinneamh mu dheireadh.

Gheibhear Aithisg Bhliadhnail na buidhne an seo.

Ma bhios ceist agaibh, cuiribh fios gu fios@gaidhlig.scot.

Fios as ùire: Tha a t-àm airson clàradh airson na coinneamh seo seachad.

Suirbhidh Ùr a’ Coimhead air Cleachdadh na Gàidhlig Air-loidhne am Measg Òigridh

Aig tòiseach na bliadhna chaidh suirbhidh ùr a chumail le Young Scot gus barrachd ionnsachadh mu na h-àiteachean far a bheil daoine òga eadar 11 is 26 bliadhna a dhaois a’ faicinn is a’ cleachdadh na Gàidhlig air-loidhne agus mun t-susbaint Ghàidhlig a thathar airson faicinn nas trice. Chaidh an t-suirbhidh air-loidhne a chumail eadar an Dùbhlachd 2021 agus an Giblean 2022, dìreach mar a chaidh a dhèanamh an-uiridh agus thug seo an cothrom do Young Scot coimeas a dhèanamh eatarra.’’

Chaidh 1,153 freagairt slàn a chur a-steach am-bliadhna, àrdachadh de 437 bhon uiridh. Am measg na fhreagair an t-suirbhidh, thuirt 61.1% dhiubh nach eil Gàidhlig aca, thuirt 32.8% gu bheil iad ag ionnsachadh na Gàidhlig, agus thuirt 6% gu bheil iad nan luchd-labhairt fileanta. Ged a bha ceistean diofraichte aig na daoine òga ri freagairt a rèir an ìre fileantais a bh’ aca, bha an aon dà cheist aca uile ri freagairt aig deireadh na suirbhidh;

  • Dè cho luachmhor s a tha a Ghàidhlig?
  • Dè cho luachmhor s a tha cultar agus dualchas na Gàidhlig?

Nuair a chaidh iarraidh orra na ceistean seo a fhreagairt, thuirt còrr is dà thrian (69.7%) dhiubh gu bheil a’ Ghàidhlig fhèin na rud luachmhor no glè luachmhor agus thuirt faisg air trì cairteal (72.2%) dhiubh gu bheil cultar is dualchas na Gàidhlig luachmhor no glè luachmhor. Abair togail dhuinn uile a tha sin!

Thuirt faisg air trì cairteil (74%) de dhaoine òga gum bu toil leotha barrachd susbaint Ghàidhlig fhaicinn air-loidhne agus air na meadhanan sòisealta cuideachd agus ’s e Instagram (74.1%), TikTok (70.5%) agus YouTube (64.6%) na h-àrd-ùrlaran as mòr-chòrdte leotha.

Chaidh aithisg nan toraidhean fhoillseachadh aig toiseach an t-Ògmhìos agus faodar sin a leughadh air làrach-lìn chorporra Young Scot gus barrachd ionnsachadh mu na h-adhbharan a th’ aig daoine òga airson Gàidhlig ionnsachadh, an t-susbaint air-loidhne a tha a’ còrdadh riutha agus na faireachdainnean a th’ aca mun Ghàidhlig.

Leugh an aithisg an seo.

Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air Stiùiriche Leasachaidh Ùr

Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) toilichte innse gu bheil iad air Stiùriche Leasachaidh ùr fhastadh. 

Tha Iain Mac a Mhaoilein air a bhith ag obair aig BnG thar na sia mìosan a dh’fhalbh san dreuchd ‘eadar-amail’ gus taic a chur ris an adhartas a tha BnG a’ dèanamh.  Às dèidh dha pròiseas fastaidh shoirbheachail, bidh Iain a-nis a leantainn air san dreuchd seo.    

Rugadh agus thogadh Iain ann an Uibhist a Deas ach tha e a-nis stèidhichte ann an Steòrnabhagh.  Tha e air a bhith ag obair san roinn phoblach airson dà fhichead bliadhna agus aig ìre àrd oifigeir airson deich thar fhichead bliadhna. Bha Iain na Phrionnsapal agus Ceannard aig Colaisde a’ Chaisteil aig Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean airson beagan a bharrachd air 8 bliadhna gun Lunasdal 2020.

Bhon Ghiblean 2017 chun t-Samhain 2019, bha e cuideachd ann an dreuchd pàirt-ùine mar Iar-Phrionnsapal (Co-sheirm Ro-innleachdail agus Èifeachdas Obrachaidh) aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Bho 2004, bha e air a bhith na Stiùiriche Ionmhais is Seirbheisean Corporra aig a’ Cholaiste.  Gu ruige sin, bha e air a bhith ann an àrd-dhreuchdan ann an Comhairlean Ionadail agus Seirbheisean Poileis ann an Roinnein Ionmhais agus Corporra.

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha sinn uamhasach toilichte gu bheil Iain ag obair còmhla rinn aig Bòrd na Gàidhlig.  Tha an t-uamhas de dh’eòlais aige a bhios air leth feumail thar na mìosan agus dha-rìreabh, na bliadhnaichean a tha romhainn agus sinn ag obair air an ath Phlana Nàiseanta. Tha tuigse mhath aige air dòighean-obrach, coimhearsnachdan agus cothroman ann an leasachadh agus sinn cinnteach gun tig feum mhòr às na sgilean aige.”    

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Siorrachd Rinn Friù

Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) a’ cur fàilte air an naidheachd gun tèid Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtG) a thabhann do sgoilearan bun-sgoile ann an Siorrachd Rinn Friù bhon Lùnastal 2022.

Thèid Foghlam tron Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Bun-sgoil an Taobh Siar agus anns a’ chiad dol a-mach, thèid cuireadh a thoirt do sgoilearan ann an clasaichean 1-3.  Bidh aon chlas ann nuair a thoisicheas a’ bhliadhna-sgoile ùr san Lùnastal agus mar a dh’fhàsas an àireamh de sgoilearan a bhios a’ dol tro FhtG, thèid barrachd chlasaichean a chruthachadh.

Chaidh Bun-sgoil an Taobh Siar a thaghadh leis gu bheil e faisg air meadhan siorrachd Rinn Friù agus a’ Chomhairle airson ’s gum biodh cothrom aig gach sgoilear san sgìre air FtG.

Tha Bòrd na Gàidhlig, ann am com-pàirteachas leis an Ùghdarras Ionadail agus Comann nam Pàrant air iomairt shanasachd a lìbhrigeadh airson Foghlam tron Ghàidhlig thairis air sgìre Rinn Friù le tachartasan fiosrachaidh air-loidhne, sanasachd is agallamhan air Stèiseanan Radio ionadail is fiosrachadh tro na meadhanan sòisealta. Tha sinn air leth toilichte gu bheil an iomairt shanasachd seo air leantainn ris an t-seirbheis Foghlam Gàidhlig ùr seo a stèidheachadh.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha e na thogail mòr dhuinn gu bheil Siorrachd Rinn Friù air an co-dhùnadh seo a ruighinn.  Tha e na amas dhuinn sa Phlana Nàiseanta gun tèid leudachadh air cothroman Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig do sgoilearan air feadh na dùthcha agus tha sinn a’ cur fàilte mhòr air Ùghdarras eile a’ libhrigeadh FtG.”

Thuirt Shirley-Anne Somerville, Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam:

“Tha gealltanas aig Riaghaltas na h-Alba gus cothroman Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a leudachadh agus tha mi ag aithneachadh na h-obrach a tha Comhairle Siorrachd Rinn Friù air dèanamh gus an cothrom seo a thoirt don òigridh.  Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas do na sgoilearan seo agus iad a tòiseachadh air t-slighe leis a’ Ghàidhlig.”

Suirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba

Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air Suirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba agus taic dhan Ghàidhlig air a dhol am meud gu mòr thairis air an deich bliadhna mu dheireadh

 

Gheibhear lorg air an aithisg agus na duilleagan fiosrachaidh an seo.

 

Tha an àireamh de dh’Albannaich a tha comasach air beagan Gàidhlig a bhruidhinn air dùblachadh san deich bliadhna mu dheireadh a rèir an tionndaidh as ùire de Shuirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba.

Tha an uiread de dhaoine a tha ag ràdh gu bheil iad comasach air co-dhiù corra fhacal Gàidhlig a bhruidhinn air dùblachadh bho 15% ann an 2012 gu 30% an-diugh.

Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann an Alba le dleastanas gus Gàidhlig adhartachadh air fàilte a chur air an t-suirbhidh mar fìor shoirbheas dhan chànan, leis na toraidhean a’ sealltainn gu bheil ìre shusbainteach de thaic agus de mhothachadh ann air feadh na dùthcha.

Tha Suirbhidh Beachdan na h-Alba (Scottish Social Attitudes Survey – SSA) air a dhèanamh le Ionad na h-Alba airson Rannsachadh Sòisealta (ScotCen) agus tha e air a bhith a’ cumail sùil air atharrachaidhean ann am beachdan sòisealta, poilitigeach agus moralta na h-Alba bho 1999.

Fhuair an suirbhidh a-mach gun robh còrr is an dàrna leth de dhaoine a rinn an suirbhidh airson ’s gum biodh fàs ann an àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig san àm ri teachd, le 56% den bheachd seo.

A rèir an t-suirbhidh, tha daoine òga, daoine le eòlas nas motha air a’ Ghàidhlig, agus an fheadhainn a tha air barrachd fhaicinn is cluinntinn den chànan am measg nam prìomh fhactaran ann am fàs a’ chànain. Tha an suirbhidh a’ sealltainn gu bheil beachdan fàbharach nas dualtaiche a bhith aig daoine a tha air Gàidhlig fhaicinn no a chluinntinn.

Tha an SSA cuideachd a’ sealltainn gun robh atharrachadh mòr ann am beachdan a thaobh foghlaim. Tha còrr is an dàrna leth den fheadhainn a ghabh pàirt san t-suirbhidh, 55% den bheachd gum bu chòir Gàidhlig a bhith air a teagasg do gach sgoilear aig aois eadar còig agus 15 eadar uair is dà uair a thìde gach seachdain. Seo àrdachadh mòr bho dìreach 38% ann an 2012.

Tha e soilleir cuideachd gu bheil a’ Ghàidhlig a’ cur ri sunnd le 70% de dh’inbhich ag ràdh gun robh faireachdainn de choileanadh aca bho bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air an aithisg as ùire bho Shuirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba. Is e fìor dheagh naidheachd a th’ anns na toraidhean seo agus tha iad a’ sealltainn gu bheil taic fharsaing ann dhan Ghàidhlig, rud a tha dòchasach dhi san àm ri teachd. Tha am fàs ann an cleachdadh na Gàidhlig ro chudromach airson a bhith a’ glèidheadh agus a’ toirt fàs air a’ Ghàidhlig sna bliadhnaichean ri teachd agus cumaidh sinn oirnn ag obair gun sgur gus taic agus fuasglaidhean a thoirt seachad gus an lean am fàs seo.

“Tha sinn fìor thoilichte leis an àrdachadh san àireimh de dhaoine aig a bheil eòlas air choreigin air a’ chànan – ’s e adhartas air leth a th’ ann gun do dhùblaich am figear seo ann an deich bliadhna Tha fios gun cuir taic a thaobh fàs ann am foghlam Gàidhlig sna sgoiltean againn ri tarraingeachd na Gàidhlig do na ginealaichean ri tighinn agus tha sinn an dùil gum bi seo na phàirt chudromach den ro-innleachd againn gus togail air an t-soirbheas seo.

Thuirt Shirley-Ann Somerville, Rùnaire a’ Chaibineit airson Cànanan na h-Alba: “Tha an t-àrdachadh anns an àireimh de dhaoine aig a bheil comas Gàidhlig a bhruidhinn gu ìre air choreigin agus an taic dhan àrdachadh leantainneach a’ sealltainn gu bheil dealas an Riaghaltais seo gus an cànan a bhrosnachadh agus a leasachadh a’ toirt buaidh bhrìoghmhor.

“Tha sinn airson dèanamh cinnteach gum faigh an fheadhainn a tha airson Gàidhlig a chleachdadh no ionnsachadh, an cothrom sin a dhèanamh agus leanaidh sinn oirnn ag obair còmhla ri com-pàirtichean a dh’ionnsaigh an amais seo.”