Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt maoineachadh ro-chudromach do dh’ùghdarrasan poblach airson 36 pròiseactan Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air còrr is £413,000 a thoirt do 36 pròiseactan Gàidhlig mar phàirt de Mhaoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF). 

’S e Comhairle nan Eilean Siar aon de ghrunn bhuidhnean sna h-Eileanan Siar a bhios a’ faighinn maoineachadh airson farsaingeachd de phròiseactan, nam measg duais de £20,000 gus clasaichean Gàidhlig a thoirt do na preantasan aice. 

Fhuair a’ Chomhairle cuideachd £12,000 airson bogadh ann an àrainneachd obrach Ghàidhlig a thoirt do dh’oileanaich a tha a’ dèanamh greis-gnìomhachais samhraidh ann am buidheann ionadail, agus £8,000 eile airson seiseanan cuimhneachaidh tron Ghàidhlig a chumail ann an dachaighean-cùraim. Am measg maoineachaidh eile bha £7,500 gus aoigheachd a thoirt do LUACH 2023 – fèis de thachartasan Gàidhlig air feadh Leòdhais agus na Hearadh. 

Am measg nam buidhnean eile a tha a’ faighinn taic-airgid tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean – Innse Gall, a fhuair £33,000 airson clasaichean Gàidhlig a thabhann air feadh nan Eileanan Siar. Tha Leabharlann Nàiseanta na h-Alba air airgead fhaighinn gus oifigear fhastadh gus filmichean Cinema Sgìre a chur ann an cruth didseatach, agus tha Oilthigh Obar Dheathain air maoineachadh fhaighinn airson oifigear Gàidhlig fhastadh. 

Chaidh obair Comhairle Baile Dhùn Èideann gus Gàidhlig a leasachadh aithneachadh le duais de £20,000 gus Capital Gaelic a leudachadh – pròiseact a tha ag amas air ceanglaichean a thogail eadar buidhnean Gàidhlig air feadh a’ bhaile. 

Bidh Glaschu Beò a’ toirt na Ro-innleachd Ealainean Ghàidhlig aca air adhart airson na còigeimh bliadhna, far am bi a’ bhuidheann a’ brosnachadh prògram de thachartasan agus iomairtean às dèidh dhaibh duais £15,000 fhaighinn, a bharrachd air a bhith a’ toirt seachad trèanadh is cothroman leasachaidh do dh’oidean Gàidhlig. Tha Comhairle Baile Ghlaschu cuideachd air £7,000 de mhaoineachadh fhaighinn gus mapa Gàidhlig eadar-obrachail a chruthachadh den bhaile, agus £3,200 a bharrachd gus teagasg Gàidhlig a thoirt do luchd-obrach na comhairle. 

Agus ann an àiteachan eile, bidh Cur-seachad agus Cultar Dhùn Dè a’ faighinn buannachd bho chòrr is £1,350, a thèid a chur a dh’ionnsaigh lìbhrigeadh chuirmean is thaisbeanaidhean Gàidhlig do mhuinntir Dhùn Dè, agus tha Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh air £5,750 fhaighinn airson sgrùdadh air luach dualchas na Gàidhlig. 

Gheibhear làn chunntas air na pròiseactan a fhuair maoineachadh air làrach-lìn GrantNav an seo 

Thèid taic a chumail ri pròiseactan eile a rinn iarrtas tro GhLAIF tron bhliadhna. 

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha a’ chuairt as ùire de mhaoineachadh GLAIF a’ sealltainn cho mòr ’s a tha ruigsinneachd Bhòrd na Gàidhlig agus sinn a’ feuchainn ri àrd-ùrlar leasachaidh ùr a thoirt dhan Ghàidhlig, chan ann a-mhàin air a’ Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan, ach air feadh na h-Alba. 

“Tha farsaingeachd nan tabhartasan air feadh na dùthcha a’ nochdadh an dealais aig iomadh comhairle agus buidheann gus fàs a thoirt air a’ chànan agus a thoirt gu luchd-èisteachd gu tur ùr a bharrachd air a bhith a’ cumail taic ris na coimhearsnachdan Gàidhlig a tha ann mar-thà. Tha an t-seòrsa maoineachaidh seo fìor chudromach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil eachdraidh bheairteach a’ chànain air a glèidheadh ​​agus na buannachd do dhaoine de gach aois.” 

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith diofar sgeamaichean maoineachaidh aig diofar amannan tron bhliadhna. Ma tha moladh agaibh airson pròiseact, cuir post-d gu:tabhartas@gaidhlig.scot, no fòn gu 07584 103 944. 

 

Beachdan bho chom-pàirtichean 

Cur-seachad agus Cultar Dhùn Dè 

Thuirt neach-labhairt airson Cur-seachad agus Cultar Dhùn Dè: “Tha Cur-seachad is Cultar Dhùn Dè taingeil do Bhòrd na Gàidhlig airson a bhith a’ cumail oirnn a’ toirt taic do na cuirmean-ciùil Gàidhlig aig àm-lòin ann an Talla Marryat, a’ toirt cothrom dhuinn na seinneadairean is luchd-ciùil òga as fheàrr a thoirt a-steach gus seinn agus gus an soirbhich a’ Ghàidhlig tro cheòl tlachdmhor.”   

 

Comhairle nan Eilean Siar 

Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle nan Eilean Siar: “Tha Comhairle nan Eilean air leth toilichte £8k fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig gus pròiseact a lìbhrigeadh co-cheangailte ri Taigh Shìophort agus Cùirt Bremner, an àrainn cùraim ùr a thathar a’ togail ann an Steòrnabhagh.  Tha ‘Sùil air Ais, Sùil air adhart’ ag amas air tachartasan cuimhneachaidh mìosail a lìbhrigeadh do luchd-còmhnaidh agus bheir e cothrom a bhith a’ ceannach stuthan ceangailte ris na h-eileanan gus cuimhneachain is còmhraidhean a bhrosnachadh.  Tha e cudromach an cànan labhairteach a chumail suas agus bheir Sùil air Adhart taic do luchd-obrach nas òige gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh agus adhartachadh am measg luchd-còmhnaidh/teanantan agus am measg luchd-obrach.” 

 

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean 

Ann an 2021-22 chlàraich còrr is 80 oileanach air cùrsaichean Gàidhlig air an lìbhrigeadh le OGE Innse Gall, agus tha sinn air leth toilichte, le taic Bhòrd na Gàidhlig, gun urrainn dhuinn cumail oirnn a’ tabhann chothroman airson Gàidhlig ionnsachadh ann an coimhearsnachdan air feadh nan Eilean Siar.  Tha sinn toilichte gun urrainn dhuinn clasaichean a thabhann ann an 2022-23 ann an sgìrean leithid Barraigh, Beinn na Faoghla, an Tairbeart agus Barbhas a bharrachd air cùrsaichean aig an àrainn againn ann an Steòrnabhagh agus cuideachd air-loidhne.   

Thuirt Sue NicPhàrlain, Prionnsapal Eadar-amail UHI Innse Gall: “Tha dealas aig UHI Innse Gall a bhith a’ cur ri cothroman ionnsachadh is cleachdaidh dhan Ghàidhlig agus tha taic leantainneach bho Bhòrd na Gàidhlig agus obair com-pàirteachais le Ionnsachadh Coimhearsnachd Innse Gall a’ toirt cothrom dhuinn raon farsaing de chùrsaichean a thabhann.  Tha sinn gu sònraichte toilichte gun urrainn dhuinn cùrsaichean Gàidhlig a thabhann an-asgaidh do phàrantan agus luchd-cùraim chloinne ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.  Tha sinn a’ cumail oirnn ag obair gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig agus com-pàirtichean ann a bhith a’ toirt taic do bhuileachadh amasan agus builean Plana Nàiseanta na Gàidhlig.” 

 

Comhairle Baile Ghlaschu 

Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle Baile Ghlaschu: “Tha prògram Ealainean Gàidhlig Ghlaschu Beò, air taic dhaingeann leantainneach fhaighinn tro GhLAIF, agus tha sinne, a’ choimhearsnachd againn, luchd-ealain Gàidhlig agus an luchd-amais air leth taingeil airson seo. Ann an 2022/23 tha sinn a’ leantainn air adhart a’ cur ri susbaint Ghàidhlig aig prìomh fhèisean Ghlaschu Beò, Aye Write, Merchant City Festival, Celtic Connections agus am Mela a bharrachd air a bhith ag obair le raon farsaing de chom-pàirtichean gus an fharpais litreachais – Litir gu Glaschu (Comhairle nan Leabhraichean) a lìbhrigeadh; bùthan-obrach dràma coimhearsnachd agus cuirmean aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail (Tricky Hat Theatre Company); 12 seachdainean de dh’obair-buidhne do luchd-ciùil òga (Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu); a’ dealbhadh modail ùr airson Glaschu.net (Oilthigh Ghlaschu) le buidheann-stiùiridh ùraichte; a’ cur taic ri buidhnean mar Cheòl ’s Craic agus Fèis Ghàidhlig Ghlaschu anns a’ cho-theacs ùr às dèidh a’ ghalair lèir-sgaoilte; a’ toirt a-steach pròiseact leasachaidh luchd-amais ùr Trobhadaibh agus a’ leantainn air adhart leis a’ phrìomh phròiseact coimhearsnachd cleachdaidh againn GUIR!” 

 

Leabharlann Nàiseanta na h-Alba 

Thuirt Alistair Bell, Ceannard Thasglann nan Dealbhan Gluasadach, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba: “Bha sinne aig Tasglann nan Dealbhan Gluasadach aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba fìor thoilichte gun d’ fhuair sinn tabhartas bho Bhòrd na Gàidhlig. Tha am pròiseact seo na chom-pàirteachas le Museum is Tasglann nan Eilean, a tha na phàirt de Chomhairle nan Eilean Siar. Còmhla, cleachdaidh sinn am maoineachadh gus cruinneachadh sònraichte de chlàran bhidio anns a bheil Gàidhlig ga bruidhinn a chur ann an cruth didseatach agus a chlàradh, agus gus an stuth a cho-roinn leis a’ phoball, an dà chuid aig tachartasan coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar agus tro Thasglann nan Ìomhaighean Gluasadach. Chaidh na bhidiothan fhilmeadh le muinntir an àite anns na 1970an is 80an ann am pròiseact coimhearsnachd, Cinema Sgìre . Taing mhòr do Bhòrd na Gàidhlig airson am pròiseact seo a chur an comas.” 

 

Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh 

Thuirt Cathraiche Comataidh Coimhearsnachdan na Comhairle, Archie Dryburgh, aig Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh gun robh a’ Chomhairle air leth toilichte maoineachadh fhaighinn bho Mhaoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig gus taic a thoirt do Sgrùdadh air Luach Dualchais na Gàidhlig san sgìre. Thuirt an t-Iar-chathraiche, John Campbell: “Chaidh an cothrom inntinneach seo a chomharrachadh tron chom-pàirtiche againn san Treas Roinn, Gàidhlig Dumgal agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth còmhla riutha san àm ri teachd gus am pròiseact seo a thoirt air adhart.” 

 

Oilthigh Obar Dheathain 

Thuirt neach-labhairt bho Oilthigh Obar Dheathain: “Tha Oilthigh Obar Dheathain fìor thoilichte gun d’fhuair sinn £24,000 bho mhaoin GLAIF Bhòrd na Gàidhlig. Tha sinn fìor thoilichte gun d’ fhuair sinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig gus oifigear Gàidhlig brosnachail dìcheallach fhaighinn. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ toirt air adhart gnìomhan àrd-amasach a’ Phlana Ghàidhlig againn agus a bhith a’ lìbhrigeadh iomairtean Gàidhlig a fìor mhath do choimhearsnachd Oilthigh Obar Dheathain.” 

 

Comhairle Baile Dhùn Èideann 

Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle Baile Dhùn Èideann: “Tha sinn taingeil airson na taic leantainnich bho Bhòrd na Gàidhlig agus tha sinn air leth toilichte £20,000 fhaighinn gus Capital Gaelic a thoirt air adhart barrachd. Tha am pròiseact seo ag amas air dòigh-obrach com-pàirteachais cho-òrdanaichte agus chruthachail a chruthachadh gus a’ Ghàidhlig a shuidheachadh mar phàirt bheothail de bheatha Dhùn Èideann. Tha seo ga dhèanamh le bhith a’ dèanamh pìleat de dh’obair eadar-bhuidhneach leis a’ Chomhairle agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a’ gairm buidheann ioma-bhuidhneach gus cothroman a chomharrachadh, eòlas agus sgilean a cho-roinn agus cumadh a thoirt air lèirsinn dhan Ghàidhlig sa bhaile san àm ri teachd.” 

 

Rinneadh an t-adhartas a leanas anns na sia mìosan mu dheireadh: A’ cruthachadh duilleag Facebook Capital Gàidhlig; a bhith a’ stèidheachadh Buidheann Coimhearsnachd Gàidhlig anns a bheil luchd-obrach bho gach buidheann lìonraidh a tha an sàs ann (Comhairle Baile Dhùn Èideann, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba, Comunn na Gàidhlig, SgileanLeasachadh Alba , Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba); ceanglaichean nas treasa ri sgoiltean a’ cleachdadh bheachdan sgoilearan air na tha iad airson a choileanadh: Ar Guth (Buidheann Guth nan Sgoilearan, Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig) agus a bhith a’ cruthachadh Bun-phreantasachd ann an co-obrachadh le Leasachadh Sgilean na h-Alba. 

 

Buidhnean a fhuair Maoineachadh 

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean – Innse Gall 

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean 

Comhairle na Gàidhealtachd 

Comhairle Baile Dhùn Èideann 

Oilthigh Obar Dheathain 

Comhairle nan Eilean Siar 

Glaschu Beò 

Oilthigh Ghlaschu 

Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Iar 

Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath 

Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh 

Comhairle Baile Ghlaschu 

NàdarAlba 

Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh 

Comhairle Aonghais 

Sabhal Mòr Ostaig 

Comhairle Mhoireibh 

COSLA 

Cur-seachad agus Cultar Dhùn Dè 

Co-chomhairle air Dreachd Phlana Ro-innleachdail 2022-27 Comhairle Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach don cho-chomhairleachadh Dreachd Phlana Ro-innleachdail 2022-27 aig Comhairle Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar.

Am measg cuid de na puingean a chaidh a thogail tha:

Chan eil iomradh sam bith air cànan is cultar na Gàidhlig san Dreachd Phlana Ro-innleachdail no anns a’ Mheasadh Fheumalachdan Ro-innleachdail na chois. (Chì sinn cuideachd nach eil iomradh sam bith air a’ Ghàidhlig san dreachd Ro-innleachd Leasachadh Eaconamach aig Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar 2022 – 2027).  Tha seo a dh’aindeoin gu bheil Plana Gàidhlig aig a’ Chomhairle anns a bheil diofar ghealltanasan.

Feumar dèiligeadh ri seo anns an dreachd mu dheireadh den Dreachd Phlana Ro-innleachdail.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Comhairle Siorrachd Lannraig a Deas – Ro-innleachd Eaconamach 2022-2027 – Co-chomhairle

Tha Ro-innleachd Eaconamach 2022-2027 aig Comhairle Shiorrachd Lannraig a Deas air ullachadh agus tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach mu na prìomh chuspairean agus phrìomhachasan san ro-innleachd.

Am measg cuid de na puingean a chaidh a thogail:

Tha Plana Gàidhlig aig Comhairle Siorrachd Lannraig a Deas (SLC) anns a bheil diofar ghealltanasan airson cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig a chur am meud. Tha am Plana ag ràdh gu bheil “SLC ag adhartachadh buannachdan eaconamach cànan is cultar na Gàidhlig mar phàirt de na h-iomairtean leasachaidh eaconamach coitcheann aca”. Tha e cuideachd ag ràdh gu bheil iad a’ dèanamh cinnteach gu bheil “luach ga chur air a’ Ghàidhlig agus gu bheilear ag aithneachadh na tha i a’ cur ri beatha shòisealta, chultarail is eaconamach na dùthcha”.

Chan eil na geallaidhean seo air an nochdadh anns an Dreachd Ro-innleachd Eaconamach. Feumar dèiligeadh ri seo san dreachd mu dheireadh, tro ghrunn iomraidhean sònraichte air a’ Ghàidhlig agus tha tuilleadh mholaidhean air seo gan dèanamh gu h-ìosal.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Ro-innleachd air Fianais Co-ionannachd

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ co-chomhairleachadh air dreachd phlana gus bunait fianais co-ionannachd na h-Alba a leasachadh agus a neartachadh. Cuidichidh na freagairtean a gheibh iad tron cho-chomhairle seo mar bhunait airson Ro-innleachd Fianais Co-ionannachd ùr na h-Alba.

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach don cho-chomhairle seo anns a bheil na puingean a leanas.

Tha sinn a’ toirt fa-near nach eil na buidhnean le feartan dìonta agus na caochladairean co-ionannachd a’ gabhail a-steach luchd-labhairt na Gàidhlig. Mar sin, chan eil beachdachadh air a bheil neo-ionannachdan sònraichte mu choinneamh luchd-labhairt na Gàidhlig.

Tha leth-bhreith air a bhith mu choinneamh luchd-labhairt na Gàidhlig gu h-eachdraidheil agus, gu ìre, tha e fhathast mun coinneamh an latha an-diugh. Tha beachdan air a bhith ann san àm a dh’fhalbh agus tha fhathast an latha an-diugh – an dà chuid anns na meadhanan sòisealta agus anns na meadhanan clò gu sònraichte – anns a bheil nàimhdeas dhan chànan agus a luchd-labhairt ga chur an cèill. Mar sin, tha leth-bhreith an aghaidh na Gàidhlig agus a luchd-labhairt ann fhathast.

Le seo, tha sinn a’ meas gu bheil an Ro-innleachd air Fianais Co-ionannachd a’ toirt seachad cothrom airson barrachd cunbhalachadh/seasmhachd de dhòighean-obrach. Gu sònraichte, bu chòir  beachdachadh a dhèanamh air a’ chùis gum bi a’ Ghàidhlig ann an lùib a’ mheasaidh air co-ionannachdan.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Comataidh Ath-shlànachaidh COVID-19 – Sgrùdadh ron Bhuidseat

Tha dùil gum foillsich Riaghaltas na h-Alba am Buidseat 2023-24 aca san Dùbhlachd 2022. Ron àm seo, tha Comataidh Ath-shlànachaidh COVID-19 a’ dèanamh sgrùdadh ro-bhuidseit leis an amas buaidh a thoirt air beachdan Riaghaltas na h-Alba nuair a bhios iad ag ullachadh a’ bhuidseit a tha ri thighinn.

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach anns a bheil na puingean:

“Chan eil an Lèirmheas Caiteachas Stòrais agus na sgrìobhainnean co-cheangailte ris a’ dèanamh iomradh sam bith air a’ Ghàidhlig, an dreuchd a tha i a’ cluiche mar stòras eaconamach agus mar a dh’fhaodas i cur ris an ath-shlànachadh.

’S e dearmad cudromach a tha seo. Mar thoradh air sin, tha dìth soilleireachd is trìd-shoilleireachd ann air an ìre de phrìomhachas – agus de mhaoineachadh – a bhios ann airson na Gàidhlig san àm ri teachd.

Chan eil cùis sam bith ann airson maoineachadh na Gàidhlig a lùghdachadh. Gu dearbh, tha cùis ann airson barrachd maoineachaidh a thoirt seachad, a’ co-fhreagairt ri poileasaidh Riaghaltas na h-Alba, ris an iarrtas a tha a’ sìor-fhàs airson cànan is cultar na Gàidhlig agus ri na tha a’ Ghàidhlig a’ cur ri eaconamaidh na h-Alba.”

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Co-chomhairle air Bile Seirbheis Cùraim Nàiseanta (Alba) – Freagairt Bhòrd na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air a chuir a-steach freagairt gu co-chomhairleachadh Pàrlamaid na h-Alba air Bile Seirbheis Cùraim Nàiseanta (Alba).

Seo cuid de phuingean a chaidh a thogail san fhreagairt:

“Bu chòir mar a tha Riaghaltas na h-Alba a’ dealbhadh Seirbheis Cùraim Nàiseanta a bhith a’ nochdadh nam poileasaidhean is gealltanasan aca a thaobh na Gàidhlig.”

“Bu chòir aithris shònraichte a bhith anns an lagh a thathar a’ moladh gun toir an t-Seirbheis Cùraim Nàiseanta seirbheis do luchd-labhairt na Gàidhlig aig aois sam bith tro luchd-obrach iomchaidh, faicsinneachd agus cleachdadh a’ chànain ann an àiteachan a tha iomchaidh agus a tha ruigsinneach do theaghlaichean.”

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Seirbheis Aiseagan a tha Nuadh is Seasmhach do dh’Alba – Freagairt bho Bhòrd na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach gu co-chomhairleachadh Pàrlamaid na h-Alba air Seirbheis Aiseagan a tha Nuadh agus Seasmhach do dh’Alba.

Seo cuid de na puingean a chaidh a thogail san fhreagairt:

“Tha sinn ag aithneachadh gu bheil dòigh-obrach iomlanach a dhìth airson coimhearsnachdan eileanach seasmhach agus mar sin airson a bhith a’ gleidheadh a’ chànain.”

“Tha seirbheis aiseig ùr-nodha agus seasmhach do dh’eileanan na h-Alba air leth fhèin cudromach ann a bhith a’ cumail suas coimhearsnachdan Ghàidhlig eileanach, agus ann a bhith a’ gleidheadh a’ chànain agus a’ chultair.”

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Toraidhean Tòiseachail bhon Cho-chomhairleachadh Nàiseanta air Thoiseach air Ùrachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air na toraidhean tòiseachail fhoillseachadh bho cho-chomhairleachadh nàiseanta a chuidicheas gus cruth a thoirt air an ìre as ùire de Phlana Nàiseanta na Gàidhlig.

Bha a’ cho-chomhairle a’ cuimseachadh air àrd-amasan, feallsanachd, agus tèaman airson na Gàidhlig, le Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh bheachdan agus fios air ais mun dreachd-phlana a tha a’ mìneachadh cheumannan airson na Gàidhlig san ath chòig bliadhna.

Fhuaireadh còrr is 250 freagairt às dèidh prògram farsaing de choinneamhan coimhearsnachd, gach cuid gu pearsanta agus air-loidhne, air feadh na h-Alba.

Dh’aontaich a’ mhòr-chuid (65%) de na buidhnean is daoine fa leth a fhreagair ris an t-slighe a chaidh a mholadh san dreachd-phlana, a tha a’ cur fòcas sònraichte air a bhith ag àrdachadh cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig.

Fhuair Bòrd na Gàidhlig beachdan fàbharach mu bhith a’ cur ris an àireimh de dh’iomairtean gus misneachd a thogail nuair a thathar a’ cleachdadh na Gàidhlig, agus mu cho cudromach ’s a tha foghlam Gàidhlig ann a bhith ag ath-bheothachadh a’ chànain an dà chuid do dh’fhileantaich agus do luchd-ionnsachaidh.

Dhaingnich beachdan a fhuaradh gum bu chòir foghlam Gàidhlig tachairt ann an co-theacsa leasachaidhean eile, a’ gabhail a-steach a bhith a’ stèidheachadh Co-ionadan Gàidhlig is barrachd Gàidhlig air-loidhne, cho math ri ìomhaigh nas motha sna meadhanan – a’ gabhail a-steach seirbheis leudaichte bho BBC Alba. Bu chòir FtG a bhith air a leasachadh agus air a bhrosnachadh le ùghdarrasan ionadail cuideachd, agus feumar ceanglaichean le coimhearsnachdan a neartachadh.

Chomharraich a’ cho-chomhairle cuideachd gun robh feum air barrachd cuideam air co-theacs nas fharsainge ann an leasachadh na Gàidhlig – a’ gabhail a-steach cùisean sòisealta a tha a’ toirt buaidh air coimhearsnachdan ann an sgìrean eileanach agus dùthchail, agus an fheadhainn ann am bailtean-mòra agus cathair-bhailtean.

Tha freagairtean eile a’ cur taic ri fòcas leantainneach a’ Bhùird air barrachd cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan eileanach, dùthchail agus bailteil. Mar a tha cùisean an-dràsta, tha mu chairteal den mhaoineachadh leasachaidh aig Bòrd na Gàidhlig aig an àm seo air mu 60 dreuchdan mar oifigearan Gàidhlig a chruthachadh no a chumail a’ dol – 46 dhiubh ann an coimhearsnachdan eileanach agus dùthchail agus 14 ann an sgìrean bailteil.

Ann an àiteachan eile, thuirt fios air ais air structar a’ phlana gun robh feum air barrachd fòcais air targaidean, agus gum bu chòir fiosrachadh mu adhartas a bhith nas tràithe san sgrìobhainn.

 

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

Bha e gu math follaiseach aig na coinneamhan poblach uile agus anns a’ mhòr-chuid de na freagairtean a fhuarar gu bheil fìor dhealas ann airson a’ chànain agus gu bheil tuigse a’ sìor fhàs mu cho cudromach ’s a tha am Plana Nàiseanta ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig tèarainte san àm ri teachd, dhan a h-uile duine ann an Alba agus nas fhaide air falbh.

“Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cleachdadh nan toraidhean gus an dreach mu dheireadh againn fhiosrachadh mus tèid a chur a-steach gu Ministearan na h-Alba agus bu toil leinn taing a thoirt dhan a h-uile duine a ghabh pàirt sa phròiseas co-chomhairleachaidh.

 

Thèid Plana Nàiseanta na Gàidhlig ath-sgrùdadh a-nis a’ leantainn air a’ cho-chomhairleachadh agus thèid a chur gu Ministearan na h-Alba airson aonta leis an amas a bhith ga fhoillseachadh sa Ghiblean 2023.

Gairm airson Beachdan Comataidh Ionmhais is Rianachd Poblach Sgrùdadh Ro-bhuidseit

Tha Comataidh Ionmhais is Rianachd Poblach Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh bheachdan a’ phobaill air a’ bhuaidh a bheireadh cosgaisean bith-beò agus ath-leasachadh air seirbheis phoblaich. Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chuir a-steach anns a bheil na puingean a leanas:

“Tha:

  • Raon de ro-innleachdan agus phoileasaidhean aig Riaghaltas na h-Alba a tha ag aithneachadh cho cudromach sa tha, agus an fheum air taic a thoirt, don Ghàidhlig.
  • Sìor fhàs anns an t-iarrtas airson ionnsachadh na Gàidhlig agus ùidh ann an cànan is cultar na Gàidhlig.
  • Barrachd fianais ann air cho cudromach sa tha a’ Ghàidhlig a’ cur ri eaconamaidh na h-Alba.

Mar sin, chan eil cùise sam bith ann airson lùghdachadh maoineachadh airson na Gàidhlig. An àite sin, tha cùis ann airson barrachd maoineachaidh gus iarrtas is comas a tha a’ sìor fhàs airson cànan is cultar na Gàidhlig a nochdadh.”

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.

Co-chomhairle air Bile Sgoiltean (Foghlam Còmhnaidh A-muigh) (Alba)

Eadar an Giblean agus an t-Iuchar 2022 chùm Liz Nic a’ Ghobhainn BPA, co-chomhairleachadh air Bile Sgoiltean (Foghlam air Còmhnaidh a-muigh) (Alba). Chuir Bòrd na Gàidhlig a-steach freagairt anns an robh na puingean:

Tha Bòrd na Gàidhlig den bheachd gu bheil solar nàiseanta de dh’fhoghlam a-muigh a’ toirt deagh bhuaidh air cùisean co-ionannachd san fharsaingeachd.

Tha e deatamach gun tèid a’ Ghàidhlig a thoirt a-steach do ro-innleachdan foghlaim nàiseanta ma tha Alba gu bhith a’ dèanamh cinnteach gun toirear taic agus brosnachadh do dh’iomadalachd agus iomadachd cultarach. Tha dleastanas sònraichte air Alba a bhith a’ cumail taic ri, agus a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig agus a cultar mar phàirt de na tha Alba a’ cur ri saoghal ioma-chultarach.

Tha comas aig Foghlam A-muigh air eòlasan foghlaim co-cheangailte ris a’ chànan a neartachadh agus mar sin gus ro-innleachdan a neartachadh gus barrachd co-ionannachd a lìbhrigeadh taobh a-staigh Foghlam na h-Alba agus nas fhaide air falbh (mar eisimpleir, chaidh a’ chiad sheirbheis FtG ann an Canada fhosgladh ann an 2021).

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.