Còrr is £200k airson Taic a Chumail ri Coimhearsnachdan Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air suas ri £210,000 a ghealltainn do 53 pròiseact Gàidhlig eadar 2026 is 2028 tron sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd againn. ’S e Taic Freumhan Coimhearsnachd a’ phrìomh mhaoin aig Bòrd na Gàidhlig airson taic a chur ri phròiseactan a bhios a’ cur air adhart cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd ann an Alba.

Chaidh aontachadh gun tèid taic a chumail ri buidhnean air feadh na h-Alba thar an ath dhà bhliadhna. Tha seo a’ gabhail a-steach buidhnean coimhearsnachd, sgoiltean, ionadan Gàidhlig agus iomadh buidheann eile. Chaidh an sgeama fhosgladh do dh’iarrtasan bho dhaoine fa leth airson a’ chiad uair cuideachd, gus cothrom a bharrachd a chruthachadh do choimhearsnachdan leasachadh na Gàidhlig a ghabhail os làimh. Thathar an dùil gum brosnaich seo cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig le daoine aig gach aois anns a h-uile ceàrn den dùthaich agus gun toir seo an taic do choimhearsnachdan Gàidhlig a tha gu mòr a dhìth orra.

A bharrachd air na 53 pròiseactan a gheibh buannachd bhon sgeama am-bliadhna, tha 32 pròiseactan a fhuair taic ann an 2025 a tha fhathast a’ ruith. Tha na buidhnean seo fhathast a’ togail air cleachdadh na Gàidhlig ann an iomadh sgìre agus a’ dèanamh leasachadh air an deagh obair a rinn iad thar na bhliadhna a dh’fhalbh.

‘S e Artsplay Highland am buidheann a gheibh an tabhartas as motha is iad a’ faighinn £10,000 thar dà bhliadhna. San iarrtas aca, chaidh a mhìneachadh mar a chumas a’ phròiseact Ceòl agus Cèilidh aca taic ri clann òg agus teaghlaichean a tha airson barrachd Gàidhlig a chleachdadh le bhith a’ lìbhrigeadh chlasaichean agus cèilidhean teaghlaich ann an sgoiltean-àraich agus bun-sgoiltean agus le bhith a’ cruthachadh ghoireasan didseatach. Thathar an dùil gum faigh co-dhiù 125 pàiste buannachd bhon phròiseact seo agus gun tèid teaghlaichean a bhrosnachadh gus Gàidhlig agus ceòl a chleachdadh còmhla san dachaigh.

‘S e Comann Eachdraidh Sgìre a’ Bhac am buidheann a gheibh an tabhartas as motha sna h-Eileanan an Iar. Gheibh iad £7,000 gus taic a chumail ris a’ phròiseact Guthan Muinntir a’ Bhac a chaidh a chur air bhog ann an 2024. Fhuair iad taic tron sgeama TFC aig an àm sin cuideachd. Thathar an-dràsta a’ cur air dòigh diofar thachartasan coimhearsnachd is iad ag amas air cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh am measg daoine aig gach aois is eadar diofar ghinealaichean. Thathar airson am prògram thachartasan seo a leudachadh is a leasachadh cho math ris an tasglann aca, a ghabhas cleachdadh airson ionnsachadh mu eachdraidh na sgìre agus anns an urrainnear Gàidhlig na sgìre a chluinntinn.

Fhuair 12 buidhnean eadar £5,000 is £10,000 airson raon farsaing de phròiseactan a lìbhrigeadh. Nam measg bha Cultarlann Inbhir Nis, a gheibh £5,000 airson leasachadh a thoirt air a’ Chafé Cabadaich aca, agus Bothan Dhùn Èideann a tha airson cuirmean-ciùil agus tachartasan a lìbhrigeadh sa cheanna-bhaile thar an ath dhà bhliadhna agus a gheibh £8,500 airson sin a dhèanamh.

Am measg nam buidhnean a gheibh tabhartasan nas lugha, tha Àrd-sgoil Phort Rìgh, Fèis Loch Abar, Bun-sgoil Steòrnabhaigh, agus Ionad Thròndairnis, a tha uile ag amas air cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh sna coimhearsnachdan aca.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

Tha cleachdadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd na phrìomhachas dhuinne aig Bòrd na Gàidhlig agus tha e cuideachd aig cridhe Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28. Tha Bòrd na Gàidhlig airson taic a chumail ris an oidhirp a tha ga dèanamh leis na diofar bhuidhnean is dhaoine anns na coimhearsnachdan againn gus cothroman ùra a chruthachadh do dhaoine Gàidhlig a chleachdadh anns an dòigh a fhreagras air a’ choimhearsnachd aca as fheàrr.

Tha an sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd a’ toirt cothrom dhuinn seo a dhèanamh agus tha mi a’ coimhead air adhart ris an adhartas a thèid a dhèanamh leis na tagraichean soirbheachail thar an ath dhà bhliadhna fhaicinn.”

Thuirt Steven Kellow, Manaidsear Maoineachaidh is Phròiseactan Bhòrd na Gàidhlig:

‘S e cùis brosnachaidh a th’ ann gu bheil ùidh cho mòr ann a bhith a’ cur chothroman air dòigh gus Gàidhlig a chleachdadh ann an coimhearsnachdan air feadh na dùthcha. Tha e na h-adhbhar dòchais gu bheil an uimhir de bhuidhnean is daoine ùra air tighinn a-steach le beachdan ùra is sinn a’ dèanamh fiughair obair gu dlùth leotha sna dà bhliadhna ri thighinn airson na beachdan aca a chur an gnìomh.”

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun sgeama TFC an seo.

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith diofar sgeamaichean maoineachaidh aig diofar amannan tron bhliadhna. Ma tha moladh agaibh airson pròiseact agus ma tha sibh airson bruidhinn ri Bòrd na Gàidhlig mu dheidhinn, cuiribh post-d gu tabhartas@gaidhlig.scot.

 

Buidhnean a fhuair Maoineachadh

Crìochan na h-Alba

Neach fa leth: Gàidhlig sna Crìochan – £3,000

 

Dùn Èideann

Bothan Dhùn Èideann: Bothan 2026-28 – £8,500

Bun-sgoil Taobh na Pàirce: Pròiseact Ciùil Taobh na Pàirce – £1,750

Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann: Seiseanan Coimhearsnachd – £2,500

 

Dùn Phrìs is Gall-Ghàidhealaibh

Gàidhlig Dumgal: Ionnsachadh Gàidhlig do dh’Inbhich – £8,000

 

Earra-Ghàidheal is Bhòid

Comann Cànan is Cultar an Arair: Cultar na Gàidhlig sa Choimhearsnachd – £3,000

Comann nam Pàrant Chomhghall: Tugainn! – £4,000

Comunn Gàidhealach Mhuile: Cleachdadh na Gàidhlig sa Choimhearsnachd le Daoine Òga – £2,400

Neach fa leth: Leasachadh na Gàidhlig ann am Meadhan Earra-Ghàidheal – £3,300

 

A’ Ghàidhealtachd

Àrd-sgoil Phort Rìgh: Turas Gàidhlig san Eilean Sgitheanach – £800

Àrd-sgoil Ulapul: Turas gu Alba Nuadh – £4,000

Artsplay Highland: Ceòl agus Cèilidh – £10,000

ATLAS Arts: Leabhraichean Òrain Sgoiltean an Eilean Sgitheanaich – £4,000

Còisir Ghàidhlig Loch Abar: Labhair – £1,750

Columba 1400: Clasaichean Gàidhlig – £5,500

Comann nam Pàrant Phort Rìgh: Sradagan – £4000

Companaidh Coimhearsnachd Àth Tharracail: Cupan agus Cabadaich – £4,000

Companaidh Leasachaidh Shrath Narann: Dualchas na Gàidhlig ann an Srath Narann – £7,500

Cruinneachadh Chille Mhoire is Stafainn: Gàidhlig sa Choimhearsnachd – £4,100

Cultarlann Inbhir Nis: Cafaidh Gàidhlig (3) – £5,000

Eadarainn (Còisir Gàidhlig Inbhir Pheofharain): Pròiseact Leasachaidh Gàidhlig – £1,750

Fèis Loch Abar: Fèis Spòrs Loch Abar – £2,200

Fèis na h-Òige: Club Dihaoine – £3,625

Ionad Dualchais Bhrùra/Comann Dualchais Chlìn: (Ath-)Cheangal ri ar Dualchas Gàidhlig – £8,000

Ionad Thròndairnis: Ionad Thròndairnis agus Cearcall Gàidhlig Baile Átha Cliath – £3,000

Neach fa leth: Gàidhlig ann an Cataibh an Ear – £4,500

Neach fa leth: Seinn Còmhla (Breacais) – £1,000

Talla Baile Ceann Loch Iù: A’ Bruidhinn Gàidhlig – £3,000

 

Glaschu

Gàidhlig san Dachaigh (Glaschu a Deas): Clasaichean Gàidhlig do dh’Inbhich – £5,000

Urras Tallaichean Baile Cnoc Màiri: Bruidhinn ar Cànan: Gàidhlig Làitheil ann am Baile Cnoc Màiri – £3,500

 

Inbhir Chluaidh

Buidheann Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig Inbhir Chluaidh: Cothroman Ionnsachaidh do dh’Inbhich – £2,000

 

Na h-Eileanan an Iar

Bun-sgoil Steòrnabhagh: Turas Clas a 7 a Dhùn Èideann – £2,000

Caraidean Uibhist BCCA: Caraidean – £2,500

Comann Eachdraidh Sgìre a’ Bhac: Guthan Muinntir a’ Bhac (2) – £7,000

Comhairle nam Buidhnean Saor-thoileach ann an Uibhist (UCVO): Tì, Cèic agus Còmhradh – £3,000

Comunn Eachdraidh Nis: Luchd-eachdraidh Òga – £1,295

Fèis Taigh Dhonnchaidh: Ar Guthan à Nis – £4,750

Sgoil Lìonail: Òrain Sgoil Lìonail – £2,000

Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair is Àrnoil: Gàidhlig aig Grinneabhat – £4,000

Urras Oighreachd Chàrlabhaigh: Turas Bogaidh Òigridh – £2,200

 

Obar Dheathain

Neach fa leth: Sradagan Obar Dheathain – £4,000

 

Peairt is Ceann Rois

The Growspace Network: Dàimh na Tìre: Dualchas Gàidhlig, Coimhearsnachd, agus an Tìr – £4,000

Live Music Now Scotland: Tì agus Puirt, Peairt – £3,000

 

Siorrachd Àir a Deas

Caraidean a’ Bhroadway, Preastabhaig: Ìre a h-Aon de Thaigh-dhealbh a’ Bhroadway – £2,000

 

Siorrachd Dhùn Breatann an Ear

Buidheann Gàidhlig Drochaid an Easbaig: Cothroman Ionnsachaidh do dh’Inbhich – £7,000

 

Siorrachd Lannraig a Tuath

Àrd-sgoil a’ Bhuaile Ghlas: Turas gu Flòdaigearraidh – £8,000

 

Siorrachd Rinn Friù

Bun-sgoil an Iar: Gàidhlig aig Bun-sgoil an Iar – £3,000

 

Sruighlea

Làmhan: Fèis Calasraid – £4,000

 

Nàiseanta

Lingo Flamingo: Bidh Seana-ghuth a’ Roinn na h-Aoise – £6,500

Neach fa leth: Dealbh-cluich Aon Là – £2,500

Open Book: Pròiseact Gàidhlig – £7,700

 

Eadar-nàiseanta

Neach fa leth: A-nunn ‘s Anall – £2,000

Neach fa leth: Ceòl nan Gàidheal – £3,500

Rannsachadh air Solar Tràth-bhliadhnaichean na Gàidhlig (0-3)

Tha Bòrd na Gàidhlig air rannsachadh a choimiseanadh air solar tràth-bhliadhnaichean na Gàidhlig (0-3) agus an-diugh chaidh an aithisg fhoillseachadh air ar làrach-lìn.

Chaidh an rannsachadh a dhèanamh le an t-Oll. Wilson MacLeòid agus tha e air raon farsaing de chùisean ann a bheir buaidh air solar tràth-bhliadhnaichean ainmeachadh san aithisg. Tha an t-Oll. MacLeòid cuideachd air grunn mholaidhean airson leasachadh san roinn ainmeachadh, a’ gabhail a-steach na tha san amharc airson dèiligeadh ri cùisean co-cheangailte ri solar Gàidhlig tràth-bhliadhnaichean tro Bhile nan Cànan Albannach.

Thuirt Jennifer MacHarrie, Stiùiriche Foghlam Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air an rannsachadh seo a chaidh a choimiseanadh gus measadh a dhèanamh air na h-iomairtean a tha a’ dol an-dràsta san raon seo. Tha an aithisg a’ toirt a-steach mholaidhean do dh’iomadh bhuidheann a tha an sàs san roinn airson solar nas fheàrr agus nas cunbhalaiche a thoirt gu bith.

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair leis ar com-pàirtichean gus taic a chumail ri fàs na Gàidhlig, gu sònraichte aig ìre nan tràth-bhliadhnaichean. Ma thèid pàiste an sàs leis a’ chànan aig ìre thràth, ’s ann nas dualtaiche a bhios iad na comasan cànain aca a leasachadh gu àrd-ìre agus ùidh fad-beatha a thogail.

Faodar an aithisg a leiughadh an seo.

Ceisteachan air Cleachdadh na Gàidhlig 2024

Tha sinne aig Bòrd na Gàidhlig a’ sgaoileadh ceisteachan goirid gach bliadhna is sinn ag amas air sgrùdadh a dhèanamh air cleachdadh na Gàidhlig agus mar a dh’ fhaodadh seo air atharrachadh thar na bliadhna a dh’fhalbh.

Bhiodh sinn air leth taingeil nam biodh 5 mionaid agaibh airson ar cuideachadh agus an ceisteachan seo a lìonadh a-steach.

Bidh e fosgailte airson 24 uair a thìde a-mhàin agus thèid a dhùnadh aig 1f a-màireach, Diciadain, 26.06.24!

Faodar an ceisteachan a fhreagairt an seo.

Taic Maoineachaidh airson Obair Choimhearsnachd

Tha Bòrd na Gàidhlig air leudachadh air an Sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd ainmeachadh, a’ tabhann chothroman maoineachaidh do phròiseactan Gàidhlig. Ann an oidhirp gus taic a thoirt do dh’iomairtean coimhearsnachd air feadh na h-Alba, bheirear maoineachadh seachad airson suas ri dà bhliadhna a-nis – a’ dùblachadh na h-ùine maoineachaidh a bh’ ann roimhe.

Is e an sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd am prìomh mhaoin aig Bòrd na Gàidhlig airson taic a chumail ri buidhnean ann a bhith lìbhrigeadh phròiseactan gus cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus àrdachadh aig ìre coimhearsnachd.

Bheir Bòrd na Gàidhlig seachad mu £100,000 gach bliadhna agus faodaidh tagraichean iarrtasan a chur a-steach airson taic suas ri £10,000 airson nam pròiseactan aca. Fosglaidh uinneag tagraidh an sgeama Dimàirt, 14 Samhain agus dùinidh e san Fhaoilleach 2024.

An-uiridh, bha Bòrd na Gàidhlig moiteil taic a thoirt do 64 pròiseactan tron sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd. Nam measg bha tabhartasan de £5,000 do Chomann Coimhearsnachd nan Eilean Siar, gus ceud bliadhna bho dh’fhalbh 1,500 à Innse Gall a Chanada, à Loch Baghasdail is Steòrnabhagh, agus cuideachd Àrd-sgoil Phort Rìgh airson taic leantainneach do dh’fhoghlam Gàidhlig.

Bha Sabhal Mòr Ostaig, Artsplay Highland, Lingo Flamingo ann an Glaschu, agus Alzheimer Scotland am measg nam buidhnean eile a fhuair buannachd bho mhaoineachadh tron sgeama.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha a’ bhuidheann againn dealasach a thaobh a bhith ag àrach cultar de dh’atharrachadh adhartach agus cumhachd sa choimhearsnachd againn. Tha sinn den bheachd le bhith a’ leudachadh ùine an tabhartais gu dà bhliadhna, gun urrainn dhuinn buaidh a thoirt air cruth-atharrachaidhean eadhon nas brìoghmhoire agus nas maireannach. Tha sinn a’ toirt cuireadh do bhuidhnean coimhearsnachd dìoghrasach an cothrom seo a ghabhail agus a bhith mar phàirt den obair seo còmhla rinn.”

Airson barrachd ionnsachadh mu sgeama thabhartasan Taic Freumhan Coimhearsnachd agus na cothroman maoineachaidh leudaichte a th’ ann, tadhailibh air duilleag fiosrachaidh an sgeama neo cuir fios gu Bòrd na Gàidhlig aig tabhartas@gaidhlig.scot.

Suirbhidh Luchd-ùidh 2023

A bheil sibh air a bhith ann an conaltradh le Bòrd na Gàidhlig tharais air a’ bhliadhna a dh’fhalbh?

Tha Suirbhidh Luchd-Ùidh 2023 aig Bòrd na Gàidhlig fosgailte a-nis agus sinn a’ cur fàilte air beachdan agus molaidhean bhuaibh uile.

Bhiodh sinn fada nur comain nam b’ urrainn dhuibh am foirm seo a’ lìonadh ro 5f air Diluain 23mh An Dàmhair 2023.

Ceannard Ùr Bhòrd na Gàidhlig

Dh’ainmich Bòrd na Gàidhlig an-diugh gun deach Ealasaid Dhòmhnallach fhastadh mar Cheannard ùr na buidhne, a thòisicheas san dreuchd san t-Sultain 2023.

Tha eòlas farsaing aig Ealasaid, a bhuineas do na h-Eileanan Siar agus a tha a’ fuireach ann an Steòrnabhagh, air a bhith ag obair an dà chuid air tìr-mòr agus sna h-eileanan. Anns an dreuchd làithrich aice mar Stiùiriche Ro-innleachd agus Chùisean Taobh A-muigh le MG ALBA, tha i os cionn conaltradh corporra agus luchd-ùidh. Le eòlas air a bhith ag obair san roinn phoblaich agus mar chomhairliche poileasaidh is cùisean poblach air a ceann fhèin, tha Ealasaid air a bhith aig fìor thoiseach iomadh iomairt is leasachadh gus feumalachdan luchd-labhairt na Gàidhlig a bhrosnachadh fad a cùrsa-obrach.

Stèidhichte ann an Steòrnabhagh, bidh Ealasaid a’ stiùireadh Bòrd na Gàidhlig tro leasachaidhean a tha ri thighinn, ag obair gu dlùth le buill a’ Bhùird agus leis an àrd sgioba-stiùiridh, agus cuideachd le Riaghaltas na h-Alba, buidhnean poblach agus coimhearsnachdan Gàidhlig.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air Ealasaid dhan dreuchd chudromaich seo, aig àm a tha brosnachail airson adhartas na Gàidhlig le Plana Nàiseanta ùr airson na Gàidhlig agus Bile nan Cànanan Albannach ùr. Tha eachdraidh aice de bhith ag obair le prìomh bhuidhnean poblach agus le fòcas sònraichte air iomairtean poileasaidh corporra. Leis an eòlas a th’ aice air a bhith ag obair san raon seo, gheibh Bòrd na Gàidhlig buannachd às na sgilean a fhuair i ann an cùisean riaghlaidh agus leasachaidh co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig agus a cultar.”

Thuirt Ealasaid, “Tha mi fìor thoilichte a bhith a’ tòiseachadh air an dreuchd chudromaich seo aig àm a tha ro-chudromach dhan Ghàidhlig Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair le ar coimhearsnachdan, buidhnean Gàidhlig agus com-pàirtichean nas fharsainge gus a’ Ghàidhlig a chur air adhart air feadh na h-Alba agus nas fhaide air falbh. Tha a bhith ag obair ann an com-pàirteachas na adhbhar soirbheachais agus tha seo nas cudromaiche na bha e a-riamh agus sinn ag obair a dh’ionnsaigh Plana Nàiseanta ùr na Gàidhlig”.

Chuir Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlaim agus Sgilean Jenny Gilruth BPA fàilte air an naidheachd:

“Bu mhath leam fàilte a chur air fastadh Ealasaid Dhòmhnallach mar an ath Cheannard air Bòrd na Gàidhlig agus meal-a-naidheachd a chur oirre air iarrtas soirbheachail airson an fhastaidh mhinistreil chudromaich seo.

“Tha Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair gu dlùth le Ealasaid agus an sgioba aig Bòrd na Gàidhlig ann a bhith a’ toirt taic agus brosnachadh dhan Ghàidhlig air feadh na h-Alba agus sinn ag ullachadh gus Bile nan Cànanan Albannach againn a thoirt air adhart.

Brath air Tachartas Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba (27.06.2023)

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, air an tachartas:

“Tha sinn a’ cur fàilte air an tachartas mun Ghàidhlig an-diugh ann am Pàrlamaid na h-Alba. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ leantainn oirnn ag obair le coimhearsnachdan is buidhnean anns na h-Eileanan an Iar agus àiteachan eile gus cleachdadh na Gàidhlig mar chànan coimhearsnachd a mheudachadh.

“Tha seo a’ leantainn air an aithne anns an treas Plana Nàiseanta na Gàidhlig gu bheil dùbhlain mu choinneamh nan coimhearsnachdan Gàidhlig traidiseanta ann a bhith a’ glèidheadh sluagh a tha gnìomhach gu h-eaconamach agus gu bheil fuasglaidhean ùr-ghnàthach deatamach a thaobh cosnadh, taigheadas, còmhdhail, cùram-chloinne, agus cùramslàinte.

“Tha e deatamach gum bi ar coimhearsnachdan Gàidhlig aig cridhe an smaoineachaidh aig Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus aig a’ Chom-pàirteachas Eaconamach Roinneil, agus gum bi an guth air a riochdachadh ann an co-chomhairleachaidhean air cùisean leithid Sgìrean Mara Fìor Ghlèidhte, seirbheisean aiseig, taigheadas, agus ath-leasachadh fearainn.

“Fhuair Bòrd na Gàidhlig maoineachadh a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba ann an 2021 agus 2022 gus taic a chumail ri lìonra de dh’oifigearan Gàidhlig, a tha ag obair le 20 buidheann coimhearsnachd sna h-eileanan, gus cleachdadh agus leasachadh na Gàidhlig a neartachadh. Tha an sgeama seo air faisg air £1millean a thoirt seachad bho chaidh a stèidheachadh o chionn dà bhliadhna.”

Tha barrachd ri chluinntinn mun tachartas air Aithris na Maidne an seo. Chluinnear am pìos mun tachartas eadar 0:13:05 agus 0:20:50.

Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig: Aithisg do Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh

Anns a’ Mhàrt 2022, ghairm Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha (a’ Bhuidheann) le amas Gàidhlig a neartachadh tro fhòcas air cothroman eaconamach is an eaconamaidh a neartachadh tro bhith a’ dèanamh làn-fheum de na cothroman a th’ ann a thaobh na Gàidhlig. Tha a’ Bhuidheann air aithisg fhoillseachadh madainn an-diugh a tha a’ mìneachadh a’ cho-theacsa anns an do dh’obraich a’ Bhuidheann, cuid de na dùbhlain mu choinneamh na Gàidhlig is cuideachd na deagh chothroman a th’ ann son toraidhean sòisealta, eaconamach, cultarail, is foghlaim maith.

Tha an aithisg slàn ri lorg ann an Gàidhlig agus Beurla air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba agus faodar a leughadh an seo.

Mar phàirt den phròiseas, choinnich Bòrd na Gàidhlig leis a’ bhuidhinn dà thuras agus chuir sinn pàipear a-steach as dèidh làimh, ag aithris agus a’ toirt beachd air cùram-chloinne, slàinte is cùram sòisealta, turasachd, foghlam agus fastadh thidsearan, taigheadas, agus raon de chùisean eile a tha a’ toirt buaidh air a’ Ghàidhlig ann an Alba san latha an-diugh. Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd air am pàipear seo fhoillseachadh airson a leughadh an seo.

Nuair a chaidh an aithisg fhoillseachadh, thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha sinn a’ cur fàilte air aithisg na Buidhne-obrach Beatha Ghoirid air Cothroman Eaconamach is Sòisealta airson na Gàidhlig do Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas agus na h-Eaconamaidh.  Tha e a’ sealltainn na ceanglaichean gu soilleir eadar cothroman eaconamach a tha an cànan a’ cruthachadh agus na h-atharrachaidhean a tha dhìth gus a’ Ghàidhlig a dhìon agus gus fàs a thoir oirre. Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ cur fàilte air mar a tha a’ bhuidheann ag aithneachadh gu bheil feum air maoineachadh a bharrachd gus iomairtean ùra agus leasachadh poileasaidh Gàidhlig a thoirt air adhart agus gu bheil e na phàirt chudromach den Ro-innleachd Nàiseanta airson Cruth-atharrachadh Eaconamach.  Bha sinn toilichte fianais a thoirt dhan Bhuidhinn mu ghrunn diofar raointean poileasaidh. 

“Tha an aithisg seo a’ cur an cèill gu làidir gum feumar coimhearsnachdan traidiseanta luchd-labhairt na Gàidhlig a chumail suas agus fàs a thoirt orra. Tha seo a’ co-thaobhadh ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig a tha a’ cur cuideam air na dùbhlain dheamografach a tha mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach agus dùthchail.  Tha iad sin a’ gabhail a-steach dìth taigheadais, àireamh an t-sluaigh aig aois obrach, droch cheanglaichean còmhdhail agus dùbhlain shòisealta agus tha e a’ tabhann raon de dh’fhuasglaidhean.  Tha e cuideachd ag aithneachadh àite nan coimhearsnachdan bailteil, agus cho cudromach ’s a tha iad, ann a bhith a’ cur ri àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig agus ri cleachdadh a’ chànain.

“Tha dealas aig Bòrd na Gàidhlig a bhith a’ co-obrachadh gus cuideachadh le bhith a’ buileachadh nam molaidhean seo agus gus atharrachadh buannachdail a thoirt air adhart.”

 

Bòrd na Gàidhlig air rannsachadh a choimiseanadh air ceanglaichean eadar sunnd agus a’ Ghàidhlig

Tha a bhith a’ tuigsinn agus a’ cur ri sunnd a’ fàs nas cudromaiche nar beatha uile, agus air an adhbhar sin tha Bòrd na Gàidhlig air coimisean a thoirt do DC Research gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha a’ Ghàidhlig a’ cur ri sunnd dhaoine, choimhearsnachdan agus na dùthcha san fharsaingeachd.

Tha sunnd air aithneachadh barrachd is barrachd mar fheart ann am farsaingeachd de raointean tarsainn na h-eaconamaidh agus a’ chomainn-shòisealta. Sheall coinneamhan air-loidhne sa Ghàidhlig aig àm a’ ghalair lèir-sgaoilte Covid-19 gun robh sunnd, in-ghabhail agus lìonrachadh cudromach agus gun gabhadh an leasachadh, agus sheall iad cuideachd gun robh àite aig a’ Ghàidhlig ann a bhith ag àrdachadh sunnd san fharsaingeachd.

Sheall Suirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba (2021) bho chionn ghoirid gun robh 70% den fheadhainn a bha ag ionnsachadh na Gàidhlig den bheachd gun do chuir seo ri an sunnd.  Leis an àireamh de dhaoine a tha ag ionnsachadh a’ chànain a’ fàs, dh’fhaodadh an taobh seo de bhith a’ dol an sàs sa Ghàidhlig fàs nas cudromaiche.

Nuair a thòisicheas e air a’ mhìos seo, nì an rannsachadh measadh agus cunntas air mar a tha a’ Ghàidhlig a’ cur ris a’ chomann-shòisealta ann an dòigh nas fharsainge chan ann a-mhàin mar chànan ach cuideachd mar chultar agus bheir e tuigse dhuinn air mar a ghabhas taobhan de shunnd a chleachdadh gus luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a chuideachadh agus a bhrosnachadh, mar luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh agus mar choimhearsnachd cànain. Mìnichidh e cuideachd, ann an co-theacs poilitigeach, mar a tha a’ Ghàidhlig a’ cur ris an Fhrèam Coileanaidh Nàiseanta (NPF), a bharrachd air a bhith ag obair gus measadh agus cunntas a thoirt air a’ bhuaidh a tha a’ Ghàidhlig a’ toirt gus am bi seo air aithneachadh, agus bithear cuideachd a’ beachdachadh air rannsachadh a thaobh mion-chànanan eile.

Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn ag aithneachadh gu bheil sunnd a’ sìor fhàs cudromach, an dà chuid do dhaoine fa leth agus dhan chomann-shòisealta.  Cuidichidh an fhianais bhon rannsachadh seo sinn gus argamaidean nas treasa a dhèanamh airson a bhith cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig, agus na tha i a’ cur ri sunnd, air aithneachadh agus a’ faighinn taic ann am poileasaidhean nàiseanta is roinneil gus barrachd taic a thoirt do choimhearsnachdan Gàidhlig.”

Thuirt an Dr Stephen Connolly, Stiùiriche aig DC Research agus manaidsear pròiseict airson an rannsachaidh, a bhios ag obair còmhla ris an Àrd-ollamh Mike Danson, an Dr Douglas Chalmers agus Eilidh Danson air an rannsachadh: “Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ rannsachadh nan ceistean seo a thaobh na Gàidhlig agus sunnd tro cho-chomhairle le farsaingeachd de dh’eòlaichean, luchd-labhairt agus luchd-buaidh (influencers) à Alba agus gu h-eadar-nàiseanta tro mhìosan an t-samhraidh”.

A’ Sireadh Ceannard Ùr airson Bòrd na Gàidhlig

’S e Bòrd na Gàidhlig a’ bhuidheann phoblach le uallach gus planadh a dhèanamh airson agus stiùireadh a thoirt dhan iomairt gus a’ Ghàidhlig agus a cultar a thoirt air adhart ann an Alba às leth Riaghaltas na h-Alba.  Tha àrd amas againn gum bi a’ Ghàidhlig air a faicinn is air a cluinntinn gu làitheil air feadh na h-Alba, chun na h-ìre ’s gum bi i air a h-aithneachadh mar phàirt bhunaiteach de bheatha muinntir na h-Alba agus mar chànan prìseil a tha a’ cur ri cultar is eaconamaidh na dùthcha.

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh neach dàna is làn spionnaidh aig a bheil ùidh anns a’ Ghàidhlig agus a cultar ann an Alba agus cuideigin as urrainn an stòras nàiseanta seo a thoirt air adhart. Is dòcha gu bheil thu a’ tighinn bho àrainneachd eile san roinn phoblaich no san treas roinn le fòcas nàiseanta.

Mar Cheannard, nì sibh cinnteach gu bheil co-dhùnaidhean agus poileasaidhean air an cur an gnìomh gu math agus gu h-èifeachdach le bhith a’ stiùireadh an àrd-sgioba-stiùiridh, a’ stiùireadh an luchd-obrach agus tro bhith a’ brosnachadh obair BnG le buidhnean eile.  Anns an dreuchd sin, tha e cudromach dàimhean a thogail le buidhnean eile, buidhnean poblach agus sa choimhearsnachd, a bharrachd air roinnean riaghaltais eile.

Am measg nan dleastanasan tha:

  • Cunntachail dhan Bhòrd-stiùiridh, bidh sibh a’ stiùireadh obair na buidhne, a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ coileanadh amasan is cinn-uidhe ro-innleachdail na buidhne.
  • Cunntachail do Phàrlamaid na h-Alba agus Ministearan na h-Alba mar Oifigear Cunntachail Bhòrd na Gàidhlig.
  • A’ dèanamh cinnteach gun cruthaich a’ bhuidheann Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus gu bheil i a’ cumail sùil air a bhuileachadh.
  • Ag obair ann an com-pàirteachas, a’ tòiseachadh agus a’ stèidheachadh mhodhan-obrach ùr-ghnàthach a thaobh com-pàirteachasan, agus a bhith nur dheagh eisimpleir a thaobh co-chomhairleachadh agus co-obrachadh sàr-mhath le prìomh luchd-ùidh
  • A’ stiùireadh agus a’ riochdachadh Bòrd na Gàidhlig gus obair na buidhne adhartachadh, an dà chuid air an taobh a-staigh agus an taobh a-muigh, ag obair gus amasan fad-ùine Bhòrd na Gàidhlig a chur an gnìomh agus a’ cur ri cliù na buidhne
  • A’ stiùireadh cruthachadh, cumail sùil air agus ath-sgrùdadh ro-innleachdan agus phlanaichean, tro stiùireadh èifeachdach air gnìomhan agus goireasan Bhòrd na Gàidhlig
  • Cunntachail airson riaghladh corporra agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil a’ bhuidheann a’ coileanadh gach dleastanas is uallach san roinn phoblaich.

Bidh sibh tionnsgalach agus bidh an neart agaibh gus buidheann den mheud seo a stiùireadh ann an àrainneachd iom-fhillte. Neach-conaltraidh air leth le ionracas agus dealas airson sgiobaidhean a leasachadh a bhios a’ coileanaidh aig àrd-ìre agus gus cultar sàr-mhathais a chur air adhart. Tha dealas a thaobh co-ionannachd, in-ghabhail agus iomadachd deatamach gus àrainneachd a chruthachadh far an urrainn do gach neach an làn chomais a choileanadh.

Chan fheum tagraichean a bhith air obrachadh aig ìre CEO roimhe seo ach feumaidh iad farsaingeachd de dh’eòlas a thoirt dhan dreuchd seo.

Ma tha sibh ag aontachadh ri lèirsinn àrd-amasach Bhòrd na Gàidhlig agus nam biodh sibh toilichte seo a chur air adhart, chuireamaid fàilte mhòr air an iarrtas agaibh.

Barrachd fiosrachaidh:

Bòrd na Gàidhlig

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security