Bòrd na Gàidhlig agus Oilthigh Shrath Chluaidh a’ cur a’ chiad teisteanas teagaisg Gàidhlig mar nuadh-chànan air bhog

Tha toirt a-steach an Teisteanas Teagaisg a Bharrachd a’ tighinn às dèidh soirbheas Seachdain Cànanan na h-Alba 2022.

 

Tha Oilthigh Shrath Chluaidh, ann an com-pàirteachas le Bòrd na Gàidhlig agus le taic bho Chomhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba, air Teisteanas Teagaisg a Bharrachd cruth-atharrachail a chur air bhog a leigeas le tidsearan Nuadh-chànanan san Àrd-sgoil cùrsaichean a thoirt seachad do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig mar phàirt de churraicealam nan nuadh-chànanan anns na sgoiltean aca.

 

Bidh an Teisteanas Teagaisg a Bharrachd a’ leudachadh agus a’ leasachadh lìbhrigeadh chànanan an Alba, le tidsearan nuadh-chànanan, a nì an cùrsa comasach air Gàidhlig a theagasg a bharrachd air a’ churraicealam nas traidiseanta ann am Fraingis, Gearmailtis is Spàinntis.

 

 

’S e ochdnar thidsearan à ùghdarrasan ionadail Ghlaschu, Siorrachd Lannraig a Tuath, agus Siorrachd Dhùn Breatann an Iar a’ chiad fheadhainn a chur a-steach airson a’ phìleat, agus na sgoiltean aca a’ gealltainn gun tèid a’ Ghàidhlig a theagasg mar nuadh-chànan nuair a chrìochnaicheas an luchd-teagaisg an cùrsa barrantaichte.

 

Tha Oilthigh Shrath Chluaidh agus Bòrd na Gàidhlig ag ràdh gum faodadh an dòigh-obrach ùr seo cruth-atharrachadh a thoirt air cànanan ann an Alba le bhith a’ gabhail ceum fìor mhòr gus luchd-labhairt ùra na Gàidhlig a chruthachadh. Cuiridh am pròiseact seo cuideachd ri comas-cosnaidh na h-òigridh a nì curraicealam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san sgoil, le cleachdadh a’ chànain a’ fàs san àite-obrach.

 

Tha am prògram 18-mìosan, a thèid a lìbhrigeadh ann an cruth measgaichte an dà chuid air-loidhne agus air an àrainn, ag amas air tidsearan aig nach eil mòran eòlais air a’ Ghàidhlig. Às dèidh dhaibh an Teisteanas Teagaisg a Bharrachd a chrìochnachadh, thèid an luchd-teagaisg a chlàradh gu h-oifigeil le GTCS mar thidsearan Gàidhlig mar Nuadh-chànan. Cuiridh seo ris an àireamh de thidsearan nuadh-chànanan clàraichte le GTCS aig a bheil comas Gàidhlig a theagasg ann an àrd-sgoiltean.

 

Tha cur air bhog a’ chùrsa a’ tighinn às dèidh iomairt meadhanan sòisealta Dèan Diofar aig Bòrd na Gàidhlig. Tha Dèan Diofar a’ leantainn nan slighean aig sianar thidsearan a tha a’ teagasg ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig an àm seo agus a’ brosnachadh dhaoine air feadh an t-saoghail gus beachdachadh air dreuchd ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

 

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha stèidheachadh Teisteanas Teagaisg a Bharrachd ann an Gàidhlig na dheagh eisimpleir de dh’iomairt a dh’fhaodadh caibideil ùr fhoillseachadh dhan Ghàidhlig ann an sgoiltean na h-Alba. Bha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte maoineachadh agus taic a thoirt do dh’Oilthigh Shrath Chluaidh gus Teisteanas Teagaisg a Bharrachd sa Gàidhlig a chruthachadh, agus obraichidh sinn gu dlùth leotha gus sùil a chumail air a’ chiad bhuidheann a-riamh sa chùrsa agus ùidh mhòr againn sa chùis.”

 

Thuirt Linda Brownlow, Ceannard Sgoil an Fhoghlaim, Oilthigh Shrath Chluaidh: “Tha am pròiseact Teisteanas Teagaisg a Bharrachd sa Ghàidhlig ag amas air coimhearsnachd de luchd-labhairt ùra a thogail taobh a-staigh Foghlam Gàidhlig, gus co-obrachadh a bhrosnachadh agus dòighean ùr-ghnàthach ùra a chruthachadh gus gach seòrsa de theagasg a’ chànain a bhrosnachadh. Tha Oilthigh Shrath Chluaidh gu mòr airson a bhith aig fìor thoiseach chùisean gus na sgilean is teisteanasan a thoirt do thidsearan air feadh na dùthcha a tha a dhìth orra gus clasaichean luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a thoirt seachad, agus aig an aon àm a bhith a’ lìbhrigeadh deagh atharrachadh an dà chuid airson foghlam nan nuadh-chànanan na Gàidhlig air feadh nan sgoiltean againn.”

 

Thuirt Shirley-Anne Somerville, Rùnaire a’ Chaibineit airson Cànanan: “Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e ruigsinneachd a leudachadh do dhaoine aig a bheil ùidh ann a bhith a’ teagasg na Gàidhlig agus tha cruthachadh a’ phìleit seo airson Teisteanas Teagaisg a Bharrachd na dheagh cheum air adhart. Tha mi an dòchas gum brosnaich e ùghdarrasan ionadail eile a bhith an sàs anns na bliadhnaichean ri teachd.”

Webinar mun a’ Ghàidhlig agus cànan nan Sámi

Thèid webinar a’ chumail Diciadain 16 An Gearran aig 09:30 agus grunn dhaoine gu bhith a’ bruidhinn mun a’ Ghàidhlig agus cànan nan Sámi. Tha iad an dùil an cuid eòlais a cho-roinn le càch a chèile agus feuchainn adhartas is aire na dà chànain dùthchasaich seo a thoirt air adhart.

Bidh Seumas Whannel, Stiùiriche Foghlaim Bòrd na Gàidhlig, an luib na coinneimh agus gheibhear barrachd fiosrachaidh agus cothrom clàradh tron cheangal seo.

 

 

 

Buill Ùra a’ Bhùird

Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) a’ cur fàilte bhlàth air dithis bhall ùra a chaidh ainmeachadh an-diugh le Riaghaltas na h-Alba.

’S e tidsear Gàidhlig àrd-sgoile ann an Inbhir Nis a th’ ann an Seonaidh Charity, a’ teagasg Gàidhlig mar chànan do sgoilearan Foghlam tron Ghàidhlig is do luchd-ionnsachaidh, a thuilleadh air cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig. Agus e fhèin na sheann sgoilear FtG, choisinn Seonaidh ceum Gàidhlig ann an Oilthigh Ghlaschu is PGDE bho Oilthigh Shrath Chluaidh.   Bha e ag obair mar thidsear san t-seòmar-sgoile is mar Cheannard Curraicealaim ann an Dùn Èideann. Tha eòlas aige ann a bhith a’ lìbhrigeadh foghlam teagasg ’s e air a bhith na Cheannard Phrògraim is Àrd-òraidiche air ceum BA Gàidhlig is Foghlam Shabhal Mòr Ostaig is cùrsaichean PGDE Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Chaidh Maighstireachd Foghlaim (Med) Rannsachadh Sgrùdach le Àrd-urram a bhuileachadh air bho OGE, ’s e air rannsachadh a dhèanamh air leasachadh sgilean labhairt am measg sgoilearan FtG.

Thogadh Nicola NicThòmais san Eilean Sgitheanach leis a’ Ghàidhlig bhon ghlùn, agus tha i a’ fuireach san eilean fhathast còmhla ris an duine aice agus an trìuir chloinne. Chuir i seachad a’ mhòr-chuid de a beatha-obrach gu ruige seo, aig Sabhal Mòr Ostaig, agus mu dheireadh mar Stiùiriche Corporra. Tha gnìomhachas aice fhèin a-nise, Lasair Ltd, a tha a’ tabhann sheirbheisean taic do ghnìomhachasan aig astar. Tha sgilean aig Nicola ann an sgiobachd, rianachd agus riaghladh corporra. Bha i na stiùiriche air bòrd Fàs Mòr agus tha i na ball air Buidheann Ghàidhlig Eaglais na h-Alba. Tha Nicola cuideachd a’ ruith buidheann-òigridh do dheugairean le Gàidhlig ann an eaglais na sgìre.

Thuirt Mairi NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, “Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air Seonaidh agus Nicola mar bhuill ùra de Bhòrd na Gàidhlig.  Tha e cudromach dhuinn, mar bhuidheann, gu bheil deagh mheasgachadh de dh’eòlais agus de choimhearsnachdan againn air a’ Bhòrd-stiùiridh agus cuideachd gun tig ùrachadh air na Buill.  Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla riutha aig Bòrd na Gàidhlig aig àm a tha cho loma-làn chothroman airson Gàidhlig a leasachadh – bidh fàilte bhlàth orra!”

Aithisg bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig a’ sealltainn mar a chaidh taic ro-chudromach a chumail ris a’ Ghàidhlig tro ghalar lèir-sgaoilte COVID-19

Aithisg bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig a’ sealltainn mar a chaidh taic ro-chudromach a chumail ris a’ Ghàidhlig tro ghalar lèir-sgaoilte COVID-19

 

Tha aithisg bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig airson 2020-21 air sealltainn gun d’ rinn a’ bhuidheann cinnteach gun robh taic ris a’ Ghàidhlig agus a cultar, tro cho-chomhairleachadh farsaing agus tro bhith a’ cruthachadh fhuasglaidhean ro-chudromach, gus aghaidh a chur ri dùbhlain a’ ghalair lèir-sgaoilte.

 

Rinn a’ bhuidheann phoblach neo-roinneil cinnteach gun robh an obair aice, còmhla ri obair a com-pàirtichean lìbhrigidh, a’ dol air adhart ann an amannan dùbhlanach agus a’ cur ri cleachdadh, ionnsachadh agus adhartachadh na Gàidhlig.

 

Chaidh taic a bharrachd a chur air dòigh airson teaghlaichean le sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan Gàidhlig tro bhith a’ stèidheachadh na h-iomairt com-pàirteachais #cleachdiaigantaigh/#useitathome. Chaidh seo a chruthachadh às a’ phròiseact shoirbheachail #cleachdi agus thug e còmhla grunn chom-pàirtichean lìbhrigidh gus goireasan a chruthachadh agus a bhrosnachadh a dh’fhaodadh sgoilearan a chleachdadh aig an taigh aig àm a’ ghlasaidh-sìos.

 

Stèidhich Bòrd na Gàidhlig maoin gu luath cuideachd a chaidh a dhealbhadh gu sònraichte gus taic a thoirt do bhuidhnean leis an fhreagairt aca dhan ghalar lèir-sgaoilte, a’ sgaoileadh còrr is £280,000 do 53 pròiseactan.

 

Fhuair coimhearsnachdan anns na h-eileanan taic tro bhith a’ cruthachadh maoin air leth, air a rianachd le Fearann Coimhearsnachd Alba, gus leigeil le urrasan coimhearsnachd na pròiseactan aca fhèin a chruthachadh gus cur ri cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig. Chaidh barrachd maoineachaidh a thoirt seachad gus leigeil le Comunn na Gàidhlig agus Fèisean nan Gàidheal barrachd oifigearan fhastadh gus an obair aca a neartachadh, gu sònraichte anns na h-eileanan.

 

Tron ghalar lèir-sgaoilte air fad, chùm am Bòrd air a’ toirt taic do dhaoine gus na sgilean Gàidhlig aca a thoirt air adhart a dh’aindeoin na buaidh mòire air greisean-gnìomhachais agus air foghlam aghaidh-ri-aghaidh. Bha seo a’ gabhail a-steach maoineachadh airson a’ bhrannd ionnsachaidh ioma-thaobhach ùr SpeakGaelic, a chaidh a chur air bhog am-bliadhna agus a thogas air an àrdachadh mhòr ann an ionnsachadh Gàidhlig air-loidhne a thachair aig àm a’ ghlasaidh-sìos, le còrr is 600,000 neach-ionnsachaidh gnìomhach a’ cleachdadh Duolingo Gàidhlig na h-Alba an-uiridh.

 

Dh’obraich am Bòrd gu dlùth cuideachd ri buidhnean òigridh Gàidhlig Fèisean nan Gàidheal agus Comunn na Gàidhlig gus faighinn a-mach dè bha daoine òga ag iarraidh a thaobh na Gàidhlig agus dè na dòighean anns am faigheadh ​​iad taic gus an cànan a chleachdadh barrachd. Cuiridh seo agus co-chomhairlean farsaing eile air an cumail leis a’ Bhòrd agus feadhainn eile ris an ath Plana Nàiseanta airson na Gàidhlig.

 

Thar nan 12 mìosan a dh’fhalbh, dh’obraich Bòrd na Gàidhlig gu dlùth ri 67 ùghdarrasan poblach air planaichean Gàidhlig a bheir taic dhan Ghàidhlig san àite-obrach agus sa bheatha phoblaich. Gu ruige seo, tha 59 ùghdarrasan poblach Albannach air planaichean Gàidhlig aontachadh, agus tha tòrr aca air na dàrna, treas no ceathramh tionndaidhean aca. A bharrachd air seo, thòisich ochd buidhnean ùra air na planaichean aca a dheasachadh thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh.  Bheir na planaichean seo buaidh dhìreach air faicsinneachd agus àbhaisteachdadh na Gàidhlig air feadh na dùthcha.

 

A rèir na h-aithisg, fhuair am Bòrd Tabhartas-gus-Cuideachadh de bheagan is £5.3 millean uile gu lèir – feumaidh Bòrd na Gàidhlig obrachadh taobh a-staigh an riarachaidh ionmhasail seo a thugadh dhaibh le Ministearan na h-Alba.

 

Às an t-suim sin, bha £1.5 millean airson prìomh chosgaisean ruith, agus chaidh £2.6 millean gu maoinean leasachaidh Gàidhlig san fharsaingeachd – a’ gabhail a-steach maoineachadh coimhearsnachd do dhaoine, pròiseactan agus buidhnean, – agus £1.25 millean a dh’ionnsaigh Maoin Buileachaidh nam Planaichean Gàidhlig.

 

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Bha suidheachadh de sheòrsa nach fhacas riamh roimhe aig Bòrd na Gàidhlig sa bhliadhna 20/21 mar a bha fìor airson Alba air fad. Ach, mar thoradh air an leasachadh a chaidh a leabachadh sa bhuidhinn, bha Bòrd na Gàidhlig comasach air aghaidh a chur air na dùbhlain le misneachd agus tha iomadh soirbheas air a bhith ann mar thoradh air seo.

 

“Tha leasachadh agus cumail taic ris a’ Ghàidhlig air a bhith mar phrìomh adhbhar dhuinn fhad ’s a bha sinn trang a’ freagairt air a’ ghalar lèir-sgaoilte agus a bhuaidh air daoine fa leth agus air teaghlaichean, coimhearsnachdan agus buidhnean poblach. Tha sinn air ùr-ghnàthachaidhean agus co-obrachaidhean dàna a thoirt a-steach a bhios a-nis nam pàirt àbhaisteach de bhith a’ lìbhrigeadh leasachadh na Gàidhlig.

 

“Tha am fàs air leth ann an ionnsachadh na Gàidhlig tron ghlasadh sìos na chomharra shoilleir air a’ chomas a th’ ann gus cur ri àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha sinn a’ cumail oirnn a’ daingneachadh cho cudromach ’s a tha an teachdaireachd gum buin a’ Ghàidhlig ri Alba air fad agus tha sinn mothachail cuideachd air an ùidh eadar-nàiseanta anns a’ chànan agus sa chultar againn.”

 

Thuirt Shirley-Ann Somerville, Rùnaire a’ Chaibineit airson Cànanan na h-Alba: “Tha pàirt deatamach aig Bòrd na Gàidhlig ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ toirt taic dhan Gàidhlig agus a luchd-labhairt.

 

“Tha an aithisg bhliadhnail seo a’ daingneachadh obair ionmholta a’ Bhùird ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun lean foghlam Gàidhlig ann an suidheachadh dùbhlanach a’ ghalair-sgaoilte.”

 

Chaidh aithisg sgrùdaidh bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig a thoirt a-mach cuideachd, leis an aithisg Earrann 22 a’ sealltainn adhartas mòr ann an stiùireadh agus riaghladh na buidhne. Às na gnìomhan a chaidh a mholadh ann an sgrùdadh 2018-29, chaidh 71 dhiubh a choileanadh.

 

Tha an aithisg ag ràdh: “Tha Bòrd an latha an-diugh gu math nas fheàrr na a’ bhuidheann air an deach aithisg sgrùdaidh a dhèanamh ann an 2018/19. Thathar a’ cur fàilte air astar a’ chruth-atharrachaidh air structar riaghlaidh agus Sgioba-stiùiridh na buidhne agus air mar a tha e air cur gu mòr ri a fosgarrachd agus a follaiseachd.

 

Thuirt Màiri NicAonghais: “Tha riaghladh na phròiseas leantainneach agus cumaidh sinn oirnn a’ leantainn an stiùiridh a gheibh sinn gus measadh a dhèanamh gu cunbhalach air far a bheil sinn agus far an urrainn dhuinn adhartas a dhèanamh fhathast. Tha an t-uallach sin air gach ball den bhòrd-stiùiridh agus air gach ball den luchd-obrach gus dèanamh cinnteach gu bheil sgrùdadh daonnan a’ dol air adhart. Tha sinn a’ cur fàilte air co-dhùnaidhean na h-aithisg sgrùdaidh ùir, agus tha sinn a’ tuigsinn gum feum sinn cumail oirnn a’ gluasad air adhart mar bhuidheann gus dèanamh cinnteach gu bheil am Bòrd a’ frithealadh leasachadh na Gàidhlig san dòigh as fheàrr. ”

 

Nòtaichean do luchd-deasachaidh

Bòrd na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig (am Bòrd) na bhuidheann phoblach neo-roinneil a chaidh a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Is e a’ phrìomh bhuidheann ann an Alba a tha an urra ri a bhith a’ cur air adhart leasachadh na Gàidhlig agus a bhith a’ toirt comhairle do Mhinistearan na h-Alba air cùisean Gàidhlig a’ gabhail a-steach foghlam.

 

’S e lèirsinn a’ Bhùird gum faicear is gun cluinnear a’ Ghàidhlig gu làitheil air feadh na h-Alba, agus gun tèid aithneachadh gu farsaing gu bheil i aig cridhe beatha na h-Alba agus gu bheil i na stòras cultarach is eaconomach nàiseanta.  Tha tòrr den obair aig a’ Bhòrd co-cheangailte ri bhith ag ullachadh agus a’ brosnachadh cleachdadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig, cho math ri bhith a’ cuideachadh le ullachadh agus sgrùdadh nam Planaichean Gàidhlig aig ùghdarrasan poblach agus a’ lìbhrigeadh sgeamaichean maoineachaidh gus taic a chumail ri barrachd cleachdadh, ionnsachaidh agus brosnachadh na Gàidhlig.  Is iad seo na trì prìomh amasan ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Bidh Bòrd na Gàidhlig ag obair gus Gàidhlig a chur air adhart ann an com-pàirteachas le Riaghaltas na h-Alba, buidhnean poblach, com-pàirtichean lìbhrigidh, coimhearsnachdan agus daoine fa leth.

 

Tha dleastanasan foghlaim reachdail aig Bòrd na Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016.

Coinneamhan Poblach ann an Siorrachd Rinn-Friù agus Fìobha

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte cuireadh a thoirt do phàrantan, luchd-cùraim, buidhnean no daoine le ùidh gu coinneamhan air-loidhne air Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Siorrachd Rinn Friù agus Fìobha. Thig còmhla rinn gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus mar a thèid a stèidheachadh ann an Siorrachd Rinn Friù agus Fìobha.

Bheir Jim Whannel, Stiùiriche Foghlam Gàidhlig, aig BnG, seachad taisbeanadh goirid mu na buannachdan an cois seo agus bidh cothrom ann ceistean a chur air.

Bidh Comhairle Siorrachd Rinn Friù agus Comhairle Fìobha a’ brosnachadh an solar a dh’ fhaodadh a bhith ann de Fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig nan sgìrean agus bidh iad a’ co-aoigheachd na coinneamhan còmhla ri riochdairean bho Chomann nam Pàrant, am buidheann nàiseanta a tha a’ toirt taic agus comhairle mu fhoghlam tro mheadhain na Gàidhlig do phàrantan.

Thèid a’ choinneamh mu Siorrachd Rinn-Friù a chumail air Teams, Diluain 29mh Samhain aig 18.30.

Thèid a’ choinneamh mu Fìobha a chumail air Teams, Diciadain 24mh Samhain aig 18:30.

Tha fàilte oirbh na coinneamhan seo a cho-roinn air na meadhanan sòisealta no do dhuine sam bith aig a bheil ùidh.

Faodar clàradh tro an ceangal gu h-ìosal.

Coinneamhan Poblach

Bòrd na Gàidhlig a’ toirt maoineachadh ro-chudromach do bhuidhnean agus comainn coimhearsnachd airson 50 pròiseact Gàidhlig

Graphic: Gaelic Language Implimentation Fund Logo. Text reads 'Gaelic Language Implimentation Fund'.

Tha Bòrd na Gàidhlig air cha mhòr £600,000 a thoirt do 50 pròiseact Gàidhlig mar phàirt de Mhaoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF).

 

Tha Comhairle nan Eilean Siar air aon de ghrunn bhuidhnean sna h-Eileanan Siar a bhios a’ faighinn maoineachadh airson farsaingeachd de phròiseactan, a’ gabhail a-steach duais de £20,000 gus clasaichean Gàidhlig a thoirt do na preantasan aca.

 

Tha a’ Chomhairle cuideachd air £2,300 fhaighinn gus taic a chumail ri eSgoil gus prògram de ghnìomhachdan air-loidhne a thoirt do chlann gus cur ris na sgilean cànain aca, agus £11,250 a bharrachd gus cothrom a chruthachadh do suas ri 15 oileanaich aig a bheil Gàidhlig greis-gnìomhachais samhraidh a dhèanamh ann an obair far am bi iad a’ cleachdadh na Gàidhlig.

 

Am measg nam buidhnean eile a fhuair maoineachadh, tha Sabhal Mòr Ostaig, a tha air maoineachadh fhaighinn airson ceithir pròiseactan fa-leth a’ gabhail a-steach pìleat, ann an com-pàirteachas le sgoiltean air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan an Iar, far am bi sgoilearan a’ dèanamh agallamhan le ginealaichean eadar-dhealaichte gus dualchas a ghlèidheadh ​​ann an com-pàirteachas le Tobar an Dualchais.

 

Chaidh maoineachadh a thoirt do Phuirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean Earranta cuideachd gus goireas briathrachais do luchd-obrach a chruthachadh is a sgaoileadh.

 

Chaidh an obair a tha Comhairle Pheairt is Cheann Rois a’ dèanamh gus Gàidhlig a leasachadh aithneachadh le airgead airson trì pròiseactan sa bhliadhna ri tighinn. Lìbhrigidh e tachartasan agus seiseanan ionnsachaidh a-muigh mar phàirt de phròiseact Ar Dreach-tìre Gàidhlig, bheir e seachad bùithtean-obrach ciùil ann an sgoiltean agus coimhearsnachdan ro àm a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2022 tro ‘Aig a’ Mhòd’, agus cumaidh iad orra a bhith a’ lìbhrigeadh seiseanan ionnsachaidh inbheach san sgìre le taic airgid bhon Bhòrd.

 

Agus ann an Glaschu, gheibh Comhairle Baile Ghlaschu £25,000, a thèid a chleachdadh gus Oifigear Ionnsachaidh Teaghlaich airson FtG fhastadh. Cumaidh an t-oifigear taic gu sònraichte ri clann aig tràth-ìrean de dh’Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air feadh na sgìre comhairle.

 

Bidh Comhairle Baile Dhùn Èideann cuideachd a’ fastadh Oifigear Leasachaidh FtG às dèidh dhaibh maoineachadh £32,000 fhaighinn tro mhaoineachadh GLAIF.

 

Gheibhear làn chunntas air na pròiseactan a fhuair maoineachadh air làrach-lìn GrantNav an seo.

 

Thèid taic a chumail ri pròiseactan eile a rinn iarrtas tro GhLAIF tron bhliadhna.

 

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig fhathast a’ toirt seachad chothroman gus cuideachadh le bhith a’ stiùireadh leasachadh na Gàidhlig, chan ann a-mhàin air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, ach air feadh na h-Alba. Tha duaisean do chomhairlean leithid Ghlaschu, Dhùn Èideann agus Pheairt is Cheann Rois a’ sealltainn ar dealas a thaobh a bhith a’ toirt fàs air a’ Ghàidhlig air feadh na dùthcha agus tha iad ro-chudromach gus an cànan a thoirt do dhaoine ùra.

 

“Is e adhbhar GLAIF taic a thoirt do bhuidhnean poblach gus na Planaichean Gàidhlig aca a lìbhrigeadh. Tha Bòrd na Gàidhlig moiteil a bhith a’ cluich a phàirt ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil na geallaidhean sin air an coileanadh agus e a’ cumail taic ri leasachadh agus buileachadh iomadh pròiseact ùr-ghnàthach agus inntinneach.

 

“Tha an t-seòrsa maoineachaidh seo fìor chudromach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil eachdraidh bheairteach a’ chànain air a ghlèidheadh ​​agus gu bheilear a’ togail air seo gus a toirt do na ginealaichean ri teachd.”

 

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith diofar sgeamaichean maoineachaidh aig diofar amannan tron bhliadhna. Ma tha moladh agaibh airson pròiseact, cuir post-d gu: tabhartas@gaidhlig.scot, no fòn gu 01463 225 454.

 

 

 

BEACHDAN BHO CHOM-PÀIRTICHEAN

Thuirt Denise Sutherland, Ceannard a’ Chonaltraidh aig Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean Earranta: “Tha sinn air leth toilichte maoineachadh fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig airson an ath phròiseict againn, a tha ag amas air a’ Ghàidhlig a chur ri gnàth-eòlas an luchd-cleachdaidh againn.  Cuidichidh an trèanadh briathrachais an luchd-obrach againn a tha airson Gàidhlig ionnsachadh agus a chleachdadh.  Tha an tabhartas seo, air a bheil sinn a’ cur fàilte, a’ tighinn aig àm nuair a chaidh an dàrna eagrain den Phlana Gàidhlig againn aontachadh agus bheir e taic dhan obair leantainneach againn gus an tairgse Ghàidhlig againn a leasachadh.”

 

Thuirt Uilleam MacDhòmhnaill, Stiùiriche Foghlaim, Sgilean agus Seirbheisean Chloinne aig Comhairle nan Eilean Siar: “Tha maoin bhliadhnail GLAIF fhathast a’ cumail taic chudromach do raon de phròiseactan agus iomairtean a bhios a’ leasachadh cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig air feadh nan Eilean, a’ gabhail a-steach leudachadh leantainneach air cothroman ionnsachaidh Gàidhlig sònraichte do luchd-obrach na Comhairle, agus buileachadh prìomh raointean gnìomha eile anns a’ Phlana Ghàidhlig againn.”

 

Thuirt Fiona Robertson, Ceannard Cultair is Coimhearsnachdan ann an Comhairle Pheairt is Cheann Rois: “Tha e fìor mhath gun deach an obair leasachaidh Gàidhlig againn aithneachadh san dòigh seo. Tha sinn airson togail air na tha sinn air coileanadh gu h-ionadail mar-thà agus sinn a’ dèanamh fiughair ri fàilte a chur air a’ Mhòd ann an 2022 agus leigidh seo le barrachd dhaoine ann am Peairt agus Ceann Rois Gàidhlig ionnsachadh agus tuigse nas fheàrr fhaighinn air a h-àite agus a buaidh air an àrainneachd chultarail againn.”

 

Thuirt an Comhairliche, Chris Coineagan, Cathraiche Comhairle Bhaile Ghlaschu airson Foghlam, Sgilean agus Tràth-bhliadhnaichean: “Tha Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ shoirbheachadh gu mòr sa bhaile fhathast agus tha sinn moiteil gu bheil FtG air a bhith na roghainn do na teaghlaichean againn fad còrr is 22 bliadhna a-nis. Taobh a-muigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, tha an solar as motha aig Glaschu agus tha e mar thoradh air an t-soirbheachas seo gun do dhearbhaich sinn bho chionn goirid gum bi ceathramh bun-sgoil Ghàidhlig ann – tòisichidh obair a dh’ aithghearr ann an seann bhun-sgoil an Naoimh Sheumais ann an ear-thuath a’ bhaile. Tha sinn a’ cur fàilte air an naidheachd gun dh’fhuair sinn mhaoineachadh a bharrachd tro phròiseas tagraidh GLAIF agus tha fios agam gun cruthaich agus gun leasaich an t-oifigear ionnsachaidh teaghlaich modhan taice do theaghlaichean air feadh a’ bhaile.”

 

Thuirt an Comhairliche Alison Dickie, Gaisgeach na Gàidhlig airson Comhairle Dhùn Èideann: “Tha e math gu bheil Bòrd na Gàidhlig air am maoineachadh seo a thoirt dhuinn oir tha sinn fada den bheachd gur e a bhith a’ brosnachadh Gàidhlig aig na h-ìrean foghlaim as tràithe an seòmar einnsean airson a bhith a’ leudachadh FtG ann an Dùn Èideann. Tha seo, taobh a-staigh na lèirsinn againn, a’ cur air adhart an ionnsachaidh agus cleachdaidh den Ghàidhlig a bhios a dhìth san àm ri teachd gus a h-ìomhaigh àrdachadh agus conaltradh a leudachadh le coimhearsnachdan ùra, eadar ginealaich.  Leis an fhòcas aig seo air com-pàirteachas tràth le teaghlaichean, bidh an dreachd seo ro-chudromach sna planaichean againn gus FtG a leudachadh agus gus dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig agus a cultar seasmhach san àm ri teachd.”

 

Buidhnean a fhuair maoineachadh –

                                                                                                                             

An Lanntair (na h-Eileanan Siar)

Coimisean na Croitearachd

Colaisde a’ Chaisteil

Comhairle Baile Dhùn Dè

Comhairle Baile Dhùn Èideann

Comhairle Baile Ghlaschu

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Comhairle Fhìobha

Comhairle na Gàidhealtachd

Comhairle nan Eilean Siar

Comhairle Pheairt is Cheann Rois

Comhairle Siorrachd Dhùn Bhreatann an Iar

e-Sgoil (Na h-Eileanan Siar)

Foghlam Alba

Glaschu Bheò

Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean Earranta

Comann Oileanaich na Gàidhealtachd is nan Eilean

Leabharlannan nan Eilean Siar

Leasachadh Sgilean na h-Alba

Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean

NatureScot

Oilthigh Ghlaschu

Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean

Oilthigh Obar Dheathain

Poileas Alba

Sabhal Mòr Ostaig

 

 

 

 

 

Foghlam tro Ghàidhlig ann an Alba Nuadh

Tha Bòrd na Gàidhlig fìor thoilichte fàilte a chur air fosgladh na ciad Bun-sgoil tro Mheadhan na Gàidhlig ann am Mabou, Alba Nuadh. Is e seo a’ chiad sgoil tro mheadhan na Gàidhlig ann an Ameireaga a Tuath agus a’ chiad tè taobh a-muigh na h-Alba.

Chaidh a’ Bhun-sgoil Ghàidhlig, air a bheil Taigh-sgoile na Drochaide, a chruthachadh mar phròiseact coimhearsnachd neo-phrothaid le taic bho air feadh na coimhearsnachd agus chaidh tidsear làn-ùine fhastadh bho chionn ghoirid. Lìbhrigidh an sgoil prògram bogaidh do chloinn bun-sgoile le fòcas air a bhith a’ togail sgilean Gàidhlig.

Bidh a’ Bhun-sgoil Ghàidhlig ùr a’ cur ri ath-nuadhachadh na h-àrainneachd cultaraich Ghàidhlig a tha beothail is soirbheachail ann an Alba Nuadh mar-thà, agus ann an sgìre Cheap Bhreatainn gu sònraichte.

Thuirt Coinneach MacCoinnich, Cathraiche a’ Bhùird, Taigh Sgoile na Drochaide: “Is e clach-mhìle chudromach a tha seo airson ath-bheothachadh cultarail Gàidhlig Alba Nuaidh agus tha an taic bho ar caraidean ann an Alba air a bhith ro chudromach ann a bhith ga toirt gu buil. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ris na ceanglaichean sin a neartachadh sna bliadhnaichean ri teachd.”

Tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith ag obair le com-pàirtichean gus pasgan taic a cho-òrdanachadh dhan sgoil. Bu toil leinn taic a thoirt do na buidhnean a leanas a tha a’ planadh taic dhan sgoil aig an àm seo:

Stòrlann Nàiseanta
Foghlam Alba
Fèisean nan Gàidheal
e-Sgoil
Urras Leabhraichean na h-Alba
Comann nam Pàrant Nàiseanta
Giglets

Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ togail cheanglaichean – a bhios a’ sìor fhàs nas treasa – leis an sgioba ann an Alba Nuadh an dà chuid aig ìre bhuidhnean ach cuideachd tro bhith a’ ceangal clann agus teaghlaichean air am bi a’ Ghàidhlig agus a cultar a’ toirt deagh bhuaidh san dà dhùthaich. Tha àite nas fhollaisiche aig a’ Ghàidhlig air an àrd-ùrlar eadar-nàiseanta a-nis mar as còir agus i ga faicinn mar stòras luachmhor do dh’Alba agus do dh’Alba Nuadh.

Picture: The classroom inside the school house, with desks, bookshelves and learning materials inside.

Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn fìor thoilichte an leasachadh seo fhaicinn ann an Alba Nuadh agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas do Sgoil na Drochaide. Tha ceanglaichean eadar-nàiseanta cudromach dhan choimhearsnachd Ghàidhlig, gu sònraichte an fheadhainn eadar Alba agus Canada a tha air a bhith ann fad linntean. ’S e prìomh amas Plana Nàiseanta na Gàidhlig gun cleachd barrachd dhaoine a’ Ghàidhlig nas trice agus ann am barrachd shuidheachaidhean, agus is cinnteach gun dèan an sgoil ùr sin.”

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur fàilte mhòr air fosgladh Sgoil na Drochaide an t-seachdain seo agus tha iad a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ neartachadh cheanglaichean cànanach is cultarach eadar Alba agus Alba Nuadh.

Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit airson Cànain na h-Alba, Shirley-Anne Somerville: “Tha fios againn gu bheil an t-uamhas cheanglaichean làidir cultarail is teaghlaich eadar Alba is Alba Nuadh agus leasaichidh iad sin tro fhosgladh na ciad sgoile Gàidhlig seo.

“Bu mhath leam taing a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig is na buidhnean Gàidhlig gu lèir an sàs son na taice a tha iad air toirt agus tha mi a’ dèanamh fiughair cluinntinn mu adhartas is fàs na sgoile seo anns an ùine ri thighinn.”

Pìleat coimhearsnachd a’ tighinn air adhart gu math

Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) agus Fearann Coimhearsnachd na h-Alba (CLS) air leth toilichte innse gu bheil oifigear ùr air fhastadh gus tòiseachadh air conaltradh coimhearsnachd a mheudachadh airson a’ Ghàidhlig a neartachadh anns na h-Eileanan an Iar agus na h-eileanan ann an Comhairle na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal is Bòd.

Tha seo a’ leantainn air naidheachd sa Mhàrt 2021 gum biodh com-pàirteachas ùr ann gus maoineachadh a thoirt seachad agus co-dhùnaidhean stèidhichte sa choimhearsnachd a lìbhrigeadh airson leasachadh Gàidhlig le uachdarain coimhearsnachd, urrasan dualchais is eile.

Bidh an tagraiche soirbheachail, Criosaidh NicGillÌosa à Ratharsair, ag obair le CLS airson a’ Ghàidhlig a neartachadh ann an obair agus ballrachd CLS fhèin, agus taic a thoirt do thagraichean gus pròiseactan leasachaidh Gàidhlig a leasachadh agus a lìbhrigeadh.

A’ bruidhinn air an dreuchd ùr Agnes Rennie de CLS “Bidh fastadh Chriosaidh agus cur air bhog a’ phìleit na cheum cudromach ann a bhith a’ comasachadh agus a’ toirt taic do bhuidhnean freagarrach anns na sgìrean a chaidh a shònrachadh, gus pròiseactan ùra a thoirt air adhart a neartaicheas cànan is cultar na Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd.”

Thuirt an t-oifigear ùr Criosaidh NicGillÌosa, “Tha mi air bhioran mun chothrom seo a bhith ag obair le coimhearsnachdan gus pròiseactan làidir a leasachadh a tha gan stiùireadh leis na coimhearsnachdan fhèin. Tha mi cinnteach gum bi fìor dheagh thagraidhean againn anns na mìosan a tha romhainn.

Thuirt Shona Niclllinnein, Ceannard Bòrd na Gàidhlig, “Tha an dòigh ùr seo a’ togail air neart an raoin fharsaing de dh’urrasan coimhearsnachd a tha stèidhichte mar-thà anns na h-eileanan a bhios a’ lìbhrigeadh raon farsaing de bhuannachdan eaconamach is sòisealta.  Leanaidh e gu barrachd chothroman a bhith a’ cleachdadh agus ag ionnsachadh na Gàidhlig ann am mòran thaobhan de bheatha nan eilean agus tha e stèidhichte air aithneachadh anns a’ Phlana Nàiseanta Gàidhlig gu feum coimhearsnachdan eileanach ro-innleachdan eadar-dhealaichte a tha a’ freagairt air na feumalachdan agus na miannan sònraichte aca fhèin.”

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim Shirley-Anne Somerville, “’S e seo iomairt air a bheil deagh fhàilte agus a tha a’ leasachadh na farsaingeachd de phròiseactan mu thràth an sàs gus taic a thoirt do Ghàidhlig anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan.

“Tha mi a’ moladh Bòrd na Gàidhlig agus Fearann Coimhearsnachd na h-Alba airson a thoirt air adhart agus tha mi a’ cur meal a naidheachd air Chrissie NicGilleÌosa is a’ guidhe gach soirbheachas dhi leis an obair luachmhor seo.”

Aig an ath cheum den phròiseact thèid sgeama maoineachaidh a chur air bhog.  Thèid deitichean cudromach fhoillseachadh air làrach-lìn Fearann Coimhearsnachd na h-Alba dh’aithghearr.

Lìbhrigidh seo maoineachadh aig trì ìrean – suas ri £5,000, suas ri £15,000 agus suas ri £30,000, le maoineachadh de £125,000 uile gu lèir.  Bidh an sgeama fosgailte do dh’urrasan coimhearsnachd, chan e a-mhàin urrasan fearainn, anns na h-Eileanan an Iar agus eileanan Comhairle na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal is Bhòid.   Feumaidh gach urras plana sìmplidh a chruthachadh a sheallas mar a mheudaicheas an obair aca cleachdadh, ionnsachadh agus adhartachadh na Gàidhlig anns na sgìrean aca.

Thèid co-dhùnaidhean mu mhaoineachadh a dhèanamh le panail de riochdairean bho dhiofar raointean agus roinnean.  San dòigh seo, nì an sgeama cinnteach gum bi co-dhùnaidhean stèidhichte sa choimhearsnachd.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun sgeama maoineachaidh, cùmaibh sùil air: https://www.communitylandscotland.org.uk/.

Graphic: Community Land Scotland logo.

Ceisteachan air Cleachdadh na Gàidhlig

Tha lèirmheas neo-eisimeileach a’ dol air adhart an-dràsta le sgioba fo stiùir Sabhal Mòr Ostaig air adhartas a’ Phlana Nàiseanta làthaireach. Mar phàirt den obair seo, tha iad a’ rannsachadh cleachdadh na Gàidhlig.

Tha sinn a’ sgaoileadh ceisteachan goirid mar phàirt de lèirmheas seo.  Bhiodh sinn air leth taingeil nam biodh mionaid agaibh airson seo a lìonadh a-steach. Bidh e fosgailte airson 24 uair a thìde a-mhàin (bho 8f air 20 Ògmhios gu 8f air 21 Ògmhios) agus ri lìonadh a-steach an-seo: https://forms.office.com/r/YSQ87RN65p.

Cuiridh na freagairtean seo ri aithisg SMO a thig a-mach sna mìosan ri thighinn.

**Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd – https://www.gaidhlig.scot/wp-content/uploads/2021/06/NGLP-Privacy-Notice-June-2021.pdf**