Ball ùr air Ainmeachadh gu Bòrd na Gàidhlig

Tha Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean, Ms Somerville, air a chuir an cèill an-diugh (26 Cèitean 2021) gun deach Dòmhnall MacAoidh ainmeachadh mar Bhall de Bhòrd na Gàidhlig.

BALL

Rugadh agus thogadh Dòmhnall MacAoidh air Eilean Leòdhais agus a’ Ghàidhlig aige bhon thùs. Às deidh trèanadh mar Einnseanair Mheacanaigeach dh’obraich e ann an gnìomhachas a’ ghasa agus ola.

“Chòrd e rium a bhith ag obair thall-thairis 16 bliadhna anns an robh an t-àrachadh dà-chànanach agam na shàr bhuannachd ann a bhith a’ dèiligeadh le cànain ùra. Tha còrr air 15 bliadhna de eòlas agam mar mhanaidsear aig àrd ìre, a’ mìneachadh agus a’ lìbhrigeadh atharrachadh agus fàs ro-innleachdail. A-nis stèidhichte ann an Siorrachd Obar Dheathain bhrèagha son na deich bliadhna mu dheireadh, ’s e am miann agam Gàidhlig fhaicinn a’ soirbheachadh mar chànan bheò anns a’ chòimhearsnachd, agus tha mi an dòchas gum bi an t-èolas agam ann an gnìomhachas agus mo ghaol don a’ chànan gu feum do Bhòrd na Gàidhlig ann a bhith a’ neartachadh a’ chànain anns an àm ri teachd.”

SUIDHEACHADH

Seasaidh an suidheachadh seo son ceithir bliadhna eadar 1 an Giblean 2021 gu 31 am Màirt 2025.

Tha an suidheachadh seo air a riaghladh leis a’ Choimiseanair airson Bhun-thomhasan Beusail.

PÀIGHEADH

Tha an suidheachadh seo pàirt ùine agus gheibh e pàigheadh luach £194 gach latha son ùine obraich de thrì làithean gach mìos.

SUIDHEACHAIDHEAN MINISTREIL EILE

Chan eil suidheachaidhean poblach sam bith eile aig Dòmhnall MacAoidh.

GNÌOMHAN POILEATAIGEACH

Tha suidheachaidhean uile air an lìonadh a thaobh airidheachd agus chan eil gnìomhan poileataigeach a’ gabhail buaidh sam bith air a’ phròiseas thaghaidh. Ach, a-rèir mholaidhean tùsail Nolan, feumaidh gnìomhan poileataigeach daoine anns a’ chòig bliadhna mus deach an cuir ann an suidheachadh (nam biodh gnìomhan sam bith ann) a dhèanamh poblach.

Cha robh gnìomhan poileataigeach aig Dòmhnall MacAoidh anns a’ chòig bliadhna mu dheireadh.

CÙL-FHIOSRACHADH

’S e Bòrd na Gàidhlig Buidheann Neo-Roinneil Phoblach reachdail stèidhichte fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus ’s ann aige a tha an dleasdanas son na Gàidhlig a dhìon ann an Alba anns an àm ri teachd, cleachdadh agus tuigse na Gàidhlig a bhrosnachadh agus leasachadh is taic a thòirt do dh’fhoghlam agus cultar na Gàidhig.

Tùs: https://www.gov.scot/publications/public-appointments-news-releases/

An t-Àrd Ollamh Coinneach MacFhionghain

Tha Bòrd na Gàidhlig duilich a chluinntinn gun do chaochail an t-Àrd Ollamh Coinneach MacFhionghain aig aois 88.

Bha Coinneach air a’ bhòrd-stiùiridh aig Bòrd na Gàidhlig (Alba) eadar 2003 agus 2006.  Nuair, anns a’ Ghearran 2006, a steidhicheadh Bòrd na Gàidhlig fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, lean Coinneach na Bhall air Bòrd na Gàidhlig gu ruige 2014.

Bha e aithnichte gu sònraichte airson an rannsachaidh is foillseachaidh a rinn e fad còrr air dà fhichead bliadhna air sòiseo-chànanachas, gu sònraichte mun a’ Ghàidhlig, toraidhean nan cunntasan-sluaigh, mion-chànain eile agus planadh cànain.

Bidh Bòrd na Gàidhlig gu brath taingeil dha Coinneach airson an eòlais is an taice a thug e dhan bhuidhinn is dhan Ghàidhlig fad iomadh bhliadhna.  Tha sinn a’ cur co-fhaireachdainn dhan teaghlach aige.

Seisean Fiosrachaidh – Stiùiriche Foghlaim

Dimàirt 27 Giblean, 19.30-20.00, Microsoft Teams

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air proifeiseantaich le ùidh san dreuchd Stiùiriche Foghlaim gu seisean fiosrachaidh le Stiùiriche Foghlaim (làthaireach), Manaidsear Foghlaim agus Ceannard na buidhne.

‘S e cothrom mi-fhoirmeil a bhios seo gus barrachd fhaighinn a-mach mun obair is dleastanasan roinn an fhoghlaim.

Thèid an t-seisean a shruthadh beò air Teams le coimeas cheistean a chur don sgioba tro ‘chat box’.

Clàraibh tro Eventbrite gus pàirt a ghabhail: https://www.eventbrite.co.uk/e/seisean-fiosrachaidh-stiuiriche-foghlaim-registration-151184897097

Ma bhios ceistean agaibh mun t-seisean, cuiribh fios gu corporra@gaidhlig.scot.

Fiosrachadh as ùire: Tha an t-àm airson clàradh airson na coinneamh seo air a dhol seachad.

Coinneamh a’ Bhùird-stiùiridh 18.03.2021 – Bòrd na Gàidhlig

18.03.2021

Dh’aontaich Bòrd na Gàidhlig an-diugh pròiseactan a thoirt air adhart a neartaicheas cleachdadh na Gàidhlig, le fòcas làidir air coimhearsnachdan eileanach is dùthchail.  Mar thoradh air na dùbhlain a dh’adhbhraich COVID-19 do sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FtG), chaidh £212k de mhaoineachadh a thoirt do Chomunn na Gàidhlig, Comann nam Pàrant agus Fèisean nan Gàidheal gus gnìomhan a bharrachd a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig do dhaoine òga.  Dh’aontaich am Bòrd-stiùiridh cuideachd maoineachadh a thoirt do sgeama pìleat luach £154,000 a thèid a thoirt air adhart an co-bhonn le Fearann Coimhearsnachd Alba.

 

£90k ga chur gu pròiseactan coimhearsnachd air feadh na h-Alba

Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) toilichte a ràdh gu bheil iad a’ cur £89,520 gu pròiseactan stèidhichte ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Alba tro sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd (TFC).

Chaidh an sgeama TFC a stèidheachadh gus taic a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd gus pròiseactan a chur an gnìomh a bhios a’ cur ri prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig.

Tha 35 pròiseactan gu bhith a’ faighinn taic-airgid bho sgeama TFC airson na bliadhna 2021-22.

Am measg nam pròiseactan soirbheachail, tha clasaichean Gàidhlig, taic do bhuidhnean Mòid is Comann nam Pàrant agus pròiseactan sònraichte a chuireas taic don Ghàidhlig. Tha na pròiseactan gan ruith air feadh na dùthcha, a’ gabhail a-steach sgìrean leithid Inbhir Chluaidh, Obar Dheathain, Sruighlea agus a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha buidhnean leithid Fèis Taigh Dhonnchaidh, Urras an Taobh Sear agus Rural Nations Scotland an dùil pròiseactan a ruith le taic bhon sgeama.

Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd:
“Tha sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd gu mòr a’ cur ri amas a’ Phlana Nàiseanta gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean. Tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn gu bheil farsaingeachd de sgìrean is phròiseactan air feadh na dùthcha gu bhith a’ faighinn taic agus a’ toirt fàs air a’ Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan.

“Tha sinn a’ tuigsinn gun tug suidheachadh Covid-19 buaidh air an obair a tha buidhnean a’ dèanamh anns na coimhearsnachdan aca fhèin agus tha tòrr aca ag obair air loidhne an-dràsta. Tha sinn an dùil gum bi na dòighean obrach seo a’ leantainn air adhart airson greis fhathast agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri tachartasan agus pròiseactan aghaidh ri aghaidh fhaicinn a-rithist tron bhliadhna a tha romhainn.

“Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine a tha ag obair gu math cruaidh anns na coimhearsnachdan aca fhèin gus cleachdadh na Gàidhlig a thoirt air adhart aig an àm dùbhlanach a tha seo agus tha sinn cinnteach gum bi an taic-airgid seo gu math cuideachail ann an sgìrean air feadh na h-Alba.”

Bha an sgeama fosgailte airson 9 seachdainean eadar 10 Samhain 2020 agus 14 Faoilleach.

Tha liosta iomlan de na pròiseactan soirbheachail ri fhaighinn an-seo.

Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Ceann an Ionmhais is Chùisean Corporra

Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba aig a bheil dleastanasan airson Gàidhlig a chur air adhart, a’ sireadh Ceann an Ionmhais is Chùisean Corporra. Bidh an dreuchd seo cudromach do dheagh riaghladh agus cleachdadh ionmhas poblach gu h-èifeachdach.

Bidh an neach soirbheachail a’ stiùireadh sgioba corporra aig Bòrd na Gàidhlig, a’ leasachadh agus a’ cumail smachd air poileasaidhean is siostaman airson ionmhas poblach agus deagh riaghladh sa bhuidhinn. Bidh iad cuideachd os cionn a’ phlana leasachaidh aig BnG, an dòigh a tha sinn a’ cur an gnìomh leasachadh leantainneach.

Thuirt Mairi T NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Bidh iomadh cothrom aig an neach a bhios soirbheachail air buaidh mhòr a thoirt gus buidseat na buidhne a stiùireadh chun nam prìomhachasan as èifeachdaich agus a chumail a’ dol le leasachadh na buidhne, a’ leantainn air an adhartas a chaidh a dhèanamh thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad.

“Tha sinn ag obair gu dlùth leis an Riaghaltas agus buidhnean poblach, lìbhrigidh is coimhearsnachd, cuide ri luchd-sgrùdaidh taobh a-staigh is taobh a-muigh na buidhne. Bidh an obair seo glè tharraingeach is inntinneach dhan neach aig a bheil na sgilean, comasan is eòlas gus an obair seo a thoirt air adhart.”

Feumar tagraidhean airson na h-obrach a chur gu corporra@gaidhlig.scot ro 5.00f, Diluain 29mh den Mhàrt 2021 is thèid agallamhan a chumail air Dimàirt 13mh den Giblean 2021 air-loidhne. Tha an tuarastal air sgèile C1, a tha a’ tòiseachadh aig £48,930.

Gheibhear tuairisgeul obrach agus foirm-iarrtais an-seo.

Ma tha sibh airson barrachd ionnsachadh mun dreuchd agus bruidhinn mu deidhinn gu neo-fhoirmeil, cuiribh fios chun a’ Cheannaird, Shona NicIllinnein corporra@gaidhlig.scot.

Buidheann Thar-phàrtaidh na Gàidhlig: Taghadh Pàrlamaid na h-Alba 2021

Bidh an ath choinneamh de Buidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig air Dimàirt 15 Gearran, 19.00-20.15, is e air cuspair Taghadh Pàrlamaid na h-Alba 2021.

Clàraibh an-seo

‘S e Bòrd na Gàidhlig (BnG) rùnaire Buidheann Thar-phàrtaidh na Gàidhlig. Bidh a’ bhuidheann a’ coinneachadh dà thuras sa bhliadhna, agus is e Alasdair Allan (BPA) Cathraiche na buidhne.

Tha sinn air cuireadh a thoirt do gach pàrtaidh phoilitigeach agus bidh an cothrom aig gach riochdaire innse mu na prìomhachasan aca airson na Gàidhlig san ath theirm agus ceistean a fhreagairt.

Clàr-gnothaich 15.02.2021

Ma bhios ceist agaibh airson gin de na riochdairean bho na pàrtaidhean poilitigeach, cuiribh fios gu fios@gaidhlig.scot.[:]

Lìonra Oifigearan Coimhearsnachd Gàidhlig – Fosgailte do thairgsean

A’ leantainn air adhart bho ghrunnan chonaltradh ri buidhnean Gàidhlig a dh’fhoillsich a’ bheachd gun robh taic na bu dìrich a dhìth airson a bhith a’ misneachadh agus a’ toirt taic do chleachdadh na Gàidhlig sna coimhearsnachdan traidiseanta, tha Bòrd na Gàidhlig a-nis airson pròiseact pìleat a stèidheachadh gus meudachadh buaidh obair nan oifigearan Gàidhlig agus tuilleadh taic agus leasachadh a thoirt dhaibh.

Tha àireamh a tha a’ sìor fhàs de bhuidhnean a’ fastadh oifigearan Gàidhlig a tha ag obair le grunnan choimhearsnachd air feadh Alba. Tha mòran de na dreuchdan sin air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig is buidhnean poblach eile, agus tha mòran de na h-oifigearan mar an t-aon oifigear a tha ag obair taobh a-staigh buidheann a tha nas fharsainge.

Ma bhios buidhnean sam bith airson tairgse a chur a-steach airson a’ phìleat seo a lìbhrigeadh, feumar a chlàradh tro Public Contracts Scotland (PCS) agus an uairsin post-d a chur do oifis@gaidhlig.scot le fios gu bheil iad air sin a dhèanamh. Dùnaidh an tairgse aig 12f, 2 Gearran 2021.

Aithisg bhliadhnail Bòrd na Gàidhlig a’ sealltainn soirbheachas cudromach

Bha bliadhna de shoirbheasan aig Bòrd na Gàidlhig, tha aithisg na buidhne airson 2019/20 air a sealltainn. Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) cuideachd air moladh fhaighinn bho an luchd-sgrùdaidh on taobh a-muigh.

Picture: The cover of Bòrd na Gàidhlig's Annual Report and Accounts - a purple page with white text reading "Bòrd na Gàidhlig 2019-20 Aithisg Bhliadhnail is Cunntasan / Annual Report and Accounts" down the right hand side, and has the Bòrd na Gàidhlig logo on the left.

Tha a’ bhuidheann phoblach neo-roinneil air leantainn air adhart leis an obair aice le com-pàirtichean lìbhrigidh gus cur ri cleachdadh, ionnsachadh agus cur air adhart na Gàidhlig air feadh na h-Alba, ann an sgìrean bailteil agus anns na coimhearsnachd traidiseanta. Bha leudachadh maoineachaidh ann de £0.04m gu £1.8m gus obair a bharrachd a chur an comas ann an 2019/20.

Tron bhliadhna, b’ e #Cleachdi fear de na pròiseactan ùra inntinneach a stèidhich sinn, pròiseact a thog ùidh aig daoine aig gach aois. ’S e iomairt a th’ ann gus barrachd dhaoine a bhrosnachadh gus Gàidhlig a chleachdadh nas trice ann am barrachd shuidheachaidhean, rud a tha na phrìomh amas anns a’ Phlana Nàiseanta Ghàidhlig làithreach. Uile gu lèir, chaidh 13.8k nithean sanasachd iarraidh is a sgaoileadh taobh a-staigh a’ chiad 4 mìosan – àireamh fìor bhrosnachail.

Chaidh an sgeama tùsail a leudachadh gu #Cleachdiaigantaigh gus a h-uile duine a bhrosnachadh gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh aig an taigh agus gu sònraichte gus taic a thoirt do dhaoine òga aig àm a’ ghlasaidh. Tha seo air a bhith luachmhor ann an dachaighean far nach eil cus Ghàidhlig air a bruidhinn agus tha an obair seo a’ leantainn, a’ cur ri luach ri ionnsachadh cànain.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche BnG: “Bha bliadhna air leth torrach againn is tha seo follaiseach san aithisg seo. Lìbhrig a’ bhuidheann iomadh toradh is buannachd sònraichte dhan Ghàidhlig tron bhliadhna agus rinn sinn leasachaidhean mòra taobh a-staigh na buidhne. Chuir sin ann an deagh stèidh sinn aig àm a’ ghlasaidh agus mar sgioba làidir is misneachail dhèilig sinn gu soirbheachail le dùbhlain COVID.”

Am measg nam prìomh naidheachdan bho aithisg 2019-20 tha:

• Àrdachadh nach beag anns an àireamh de dh’ ùghdarrasan poblach a tha a’ deasachadh agus a’ cur an gnìomh planaichean Gàidhlig – leis an àireamh air èirigh bho 57 gu 68 ùghdarrasan poblach
• Bha suirbhidh luchd-ùidh a’ sealltainn gun robh 83% ag aontachadh ris a’ bheachd gu bheil BnG a’ coileanadh a dhleastanasan gu h-èifeachdach agus a’ toirt seachad taic.
• Bha siostaman taobh a-staigh na buidhne, agus tha iad fhathast, a’ fàs nas fheàrr le toraidhean ann an suirbhidh an luchd-obrach a’ sealltainn gu bheil 80% den luchd-obrach den bheachd gu bheil an obair aca a’ toirt sàsachd dhaibh agus gu bheil an obair aca a’ dèanamh eadar-dhealachadh.
• Chaidh 7 a-mach à 9 de na PCC sa Phlana Chorporra a choileanadh
• Chaidh 73 de na 85 gnìomhan sa Phlana Gnìomh a choileanadh, le 8 dhiubh air an coileanadh gu ìre ro dheireadh na bliadhna agus leis a’ chòrr dèante às dèidh deireadh na bliadhna.
• Thug BnG taic-airgid do raon nas motha de dh’oifigearan Gàidhlig ann an sgìrean eileanach is dùthchail.
• Thug BnG taic-airgid do mhòr-ionadan sna bailtean gus cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh.

Fhuair BnG moladh cuideachd às dèidh leasachaidhean mòra ann an ceannardas is riaghladh, a rèir na h-aithisg bliadhnail as ùire.

Chomharraich aithisg 2019-20 gun tug luchd-sgrùdaidh on taobh a-muigh moladh dhan bhuidhinn airson nan ceumannan a tha iad air gabhail às dèidh dhaibh plana leasachaidh a chur an sàs thairis air na 12 mìosan a dh’fhalbh.

Thuirt Shona Niclllinnein, Ceannard BnG: “Thug seo misneachd dhuinn agus tha i air ar brosnachadh gu mòr a thaobh nam pròiseasan againn airson leasachadh leantainneach. Thar na bliadhna a dh’fhalbh chunnacas grunn leasachaidhean cudromach. Tha sinn air adhartas mòr a dhèanamh ann a bhith a’ leasachadh ar buidhne, agus tha seo uile air dèanamh cinnteach gu bheil sinn air leasachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an Alba.”

Chomharraich am plana leasachaidh adhartas ann an ceithir prìomh raointean – riaghladh agus fosgarrachd; trèanadh is leasachadh; conaltradh; agus luach an airgid. Tha leasachaidhean cuideachd air tachairt ann an siostaman taobh a-staigh Bòrd na Gàidhlig, a bharrachd air an deagh obair leantainneach le luchd-ùidh.

Chuir Màiri NicAonghais ris: “Ged a tha an suidheachadh dùbhlanach seo fhathast a’ toirt buaidh mhòr air a’ Ghàidhlig, tha cothroman ùra a’ tighinn am follais cuideachd. Tha sinn ag amas air dèanamh cinnteach gum bi adhartas agus tèarainteachd ann dhan Ghàidhlig anns na h-amannan gun samhail seo tro cho-obrachadh tron dùthaich air fad. Gu ruige seo tha na soirbheachasan nam bun-stèidh airson leasachaidhean a bharrachd agus tha feum air maoineachadh a bharrachd dhan Ghàidhlig airson seo a a thoirt gu buil. Le bhith dàna agus ùr-gnàthach , is urrainn dhuinn mòran cheumannan cumhachdach is àrd-amasach a choileanadh ann a bhith a’ togail àite na Gàidhlig ann an Alba ùr agus eadar-dhealaichte, le Bòrd na Gàidhlig a’ gabhail an stiùir.”

Leugh aithisg bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig 2019-20 an-seo

Notaichean don luchd-deasaiche
• Fhuair Bòrd na Gàidhlig Tabhartas-gus-Cuideachadh de beagan nas lugha na £5.2 millean uile gu lèir ann an 19/20 – feumaidh Bòrd na Gàidhlig obrachadh taobh a-staigh an riarachaidh ionmhasail seo a thugadh dhaibh le Ministearan na h-Alba.
• Bha £1.6 millean airson prìomh chosgaisean ruith, agus chaidh £2.5 millean gu maoinean leasachaidh Gàidhlig – a’ gabhail a-steach maoineachadh coimhearsnachd do dhaoine, pròiseactan agus buidhnean, agus £1.1 millean a dh’ionnsaigh Maoin Buileachaidh nam Planaichean Gàidhlig.

ULLACHADH AN ATH PHLANA NÀISEANTA GÀIDHLIG A’ TÒISEACHADH

An-diugh, tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) a’ cur air bhog ceisteachan air-loidhne airson beachdan a thrusadh air na bu chòir a bhith anns an ath Phlana Nàiseanta Ghàidhlig. Tha am Plana Nàiseanta Gàidhlig làithreach a’ ruith bho 2018 gu 2023, leis an dùil gun tèid am plana ùr fhoillseachadh ann an 2023.

Picture: A copy of the National Gaelic Language Plan 2018-2023 on a bollard outside the Scottish Parliament

’S e fear de na prìomh dhleastanasan a th’ aig BnG fo Achd na Gàidhlig 2005 a bhith a’ cruthachadh a’ Phlana Nàiseanta Ghàidhlig gach còig bliadhna, mus tèid a chur do Mhinistearan na h-Alba a’ sireadh aonta.

Thathar ag amas air an ath dhreachd den PNG a chur a-mach airson co-chomhairle phoblach fad trì mìosan as t-Fhoghair 2021.

Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain agus Leasachaidhean Coimhearsnachd, “Aig an ìre seo tha sinn ag amas air beachdan a thrusadh bho dhiofar dhaoine air na prìomhachasan a th’ aca airson leasachadh na Gàidhlig thairis air na bliadhnaichean ri teachd.”

“Tha còmhraidhean cudromach a’ dol air adhart an-dràsta mu dheidhinn leasachadh na Gàidhlig agus tha an ceisteachan air-loidhne seo a’ toirt cothrom do dhaoine bho choimhearsnachdan air feadh na dùthcha pàirt a ghabhail.”

“Bidh na toraidhean a’ toirt bunait làidir dhuinn airson an dreachd phlana fhèin a thèid a-mach gu co-chomhairle phoblach airson trì mìosan nas fhaide air adhart an ath bhliadhna, far am faigh daoine cothrom eile na beachdan aca a thoirt seachad.”

Fiosrachadh as ùire: Dhùin an ceisteachan seo ri freagairtean air an 25mh den Fhaoilleach 2021.